YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 5

5
Sìth agus Aoibhneas
1Mar sin, on a tha sinn air a bhith air ar fìreanachadh tro chreideamh, tha sìth againn le Dia tro ar Tighearna Ìosa Crìosd, 2trom bheil sinne cuideachd, tro chreideamh, air slighe fhaighinn a‑steach dhan ghràs seo sa bheil sinn a' seasamh, agus tha sinn a' bòstadh ann an dòchas glòir Dhè. 3Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn cuideachd a' bòstadh nar fulangais, a' tuigsinn gu bheil fulangas a' toirt leanaltais gu buil, 4agus leanaltas, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas; 5agus chan eil an dòchas gar nàrachadh, a chionn 's gu bheil gràdh Dhè air a bhith air a dhòrtadh a‑steach nar cridheachan tron Spiorad Naomh a chaidh a thoirt dhuinn.
6Oir fhad 's a bha sinn fhathast lag, aig an àm cheart bhàsaich Crìosd airson nam mì‑dhiadhaidh. 7Oir is gann gum bàsaicheadh cuideigin airson neach fìreanta, ged is dòcha airson cuideigin math gum faodadh neach a bhith cho dàn is gum bàsaicheadh e fiù 's air a shon. 8Ach tha Dia a' moladh a ghràidh fhèin dhuinne ann an seo: fhad 's a bha sinn fhathast nar peacaich, bhàsaich Crìosd air ar son.
9Is motha gu mòr, air sgàth sin – on a tha sinn air a bhith air ar fìreanachadh tron fhuil aige – a bhios sinn air ar sàbhaladh o chorraich Dhè troimhesan. 10Oir ma bha sinn, fhad 's a bha sinn nar nàimhdean, air ar dèanamh rèidh ri Dia tro bhàs a Mhic, is motha gu mòr, às dèidh dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a bhios sinn air ar sàbhaladh tro bheatha‑san. 11Ach chan e sin a‑mhàin, ach tha sinn a' bòstadh ann an Dia tro ar Tighearna Ìosa Crìosd, trom bheil sinn a‑nis air rèite fhaighinn.
Bàs tro Àdhamh, Beatha tro Chrìosd
12Mar sin, dìreach mar a thàinig peacadh a‑steach dhan t‑saoghal tro aon duine, agus bàs tron pheacadh, agus mar sin a sgaoil bàs chun a h‑uile duine, a chionn 's gun do pheacaich na h‑uile – 13oir ron lagh bha peacadh san t‑saoghal, ach chan eil peacadh air a chunntadh far nach eil lagh. 14A dh'aindeoin sin riaghail am bàs o Àdhamh gu Maois, fiù 's thairis orrasan nach do pheacaich ann an coltas eas‑ùmhlachd Àdhaimh, a bha na shamhla dhen fhear a bha ri thighinn.
15Ach chan eil an saor‑thiodhlac coltach ris a' pheacadh. Oir ma bhàsaich mòran tro pheacadh aon duine, is motha gu mòr a tha gràs Dhè agus tiodhlac gràis an aon duine sin, Ìosa Crìosd, air a bhith lìonmhor do mhòran. 16Agus chan eil an tiodhlac coltach ri toradh pheacaidh an aoin duine sin. Oir thug am breitheanas a lean aon pheacadh breitheanas leis, ach thug an saor‑thiodhlac a lean mhòran pheacaidhean fìreanachadh leis. 17Oir mas e 's – air sgàth pheacaidh aon duine – gun do riaghail am bàs, is motha gu mòr na sin a riaghlas iadsan sa bheatha a gheibh lìonmhorachd a' ghràis agus tiodhlac an fhìreantachd tro Ìosa Crìosd.
18Mar sin, mar a thug aon pheacadh a h‑uile duine gu dìteadh, mar sin cuideachd tha aon ghnìomh fìreanta a' toirt a h‑uile duine gu fìreanachaidh beatha. 19Oir mar a chaidh mòran a dhèanamh nam peacaich tro eas‑ùmhlachd aon duine, mar sin bidh mòran air an dèanamh fìreanta tro ùmhlachd aon duine.
20A‑nis thàinig an lagh a‑steach airson an cionta a mheudachadh, ach far an do mheudaich am peacadh, mheudaich gràs na bu mhotha buileach, 21airson 's, mar a riaghail am peacadh ann am bàs, gum faodadh gràs riaghladh cuideachd tro fhìreantachd chun na beatha shìorraidh tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Currently Selected:

Ròmanaich 5: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in