YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomhan 26

26
1Mar sin thuirt Agripa ri Pòl, “Tha cead agad bruidhinn air do shon fhèin.”
An uair sin shìn Pòl a‑mach a làmh agus bhruidhinn e ga dhìon fhèin: 2“Tha mi gam mheas fhèin fortanach gur ann mud choinneamh‑sa, a rìgh Agripa, a tha mi a' dol gam dhìon fhèin an‑diugh an aghaidh uile chasaidean nan Iùdhach, 3gu h‑àraid a chionn 's gu bheil thusa eòlach air uile chleachdaidhean is chonnspaidean nan Iùdhach. Mar sin tha mi a' guidhe ort, èist rium gu foighidneach.
4“Tha eòlas aig na h‑Iùdhaich uile air mo chaitheamh‑beatha‑sa om òige, air a chur seachad bhon toiseach am measg mo nàisein fhèin ann an Ierusalem. 5Tha fios air a bhith aca airson ùine mhòir, ma tha iad deònach fianais a thoirt, gu bheil mi air a bhith beò, a rèir a' bhuidheinn as teinne dhe ar creideamh, nam Pharasach. 6Agus a‑nis tha mi nam sheasamh an seo fo dheuchainn air sgàth mo dhòchais sa ghealladh a chaidh a dhèanamh le Dia dhar n‑athraichean; 7's e seo a tha an dà threubh dheug againne ag iarraidh fhaighinn, a' dèanamh seirbheis dhùrachdaich a latha 's a dh'oidhche. Agus airson an dòchais seo, a rìgh, tha mise fo chasaid leis na h‑Iùdhaich. 8Carson a tha e air a shaoilsinn do‑chreidsinneach nur measg gu bheil Dia a' togail nam mairbh?
9“Mar sin bha mise mi fhèin cinnteach gum bu chòir dhomh mòran rudan a dhèanamh an aghaidh ainm Ìosa o Nàsaret. 10Agus is e sin a rinn mi ann an Ierusalem. Cha b' e a‑mhàin gun do ghlas mi mòran dhe na naoimh ann am prìosain às dèidh ùghdarrais fhaighinn o na h‑àrd‑shagartan, ach nuair a chaidh an cur gu bàs bhòt mi nan aghaidh. 11Agus pheanasaich mi tric iad anns na sionagogan uile agus dh'fheuch mi ri toirt orra toibheum a dhèanamh, agus ann am boile caoich nan aghaidh rinn mi geur‑leanmhainn orra fiù 's gu bailtean coimheach.
12“Agus an sàs ann an seo rinn mi mo shlighe gu Damascas le ùghdarras is barantas nan àrd‑shagart. 13Mu mheadhan‑latha, a rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, na bu shoilleire na a' ghrian, a' deàlradh timcheall ormsa agus orrasan a bha a' siubhal còmhla rium. 14Agus nuair a bha sinn uile air tuiteam chun na talmhainn, chuala mi guth ag ràdh rium anns a' chànan Eabhrais, ‘A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‑leanmhainn‑sa? Tha e cruaidh dhutsa a bhith a' breabadh an aghaidh nan dealg.’
15“Agus thuirt mise, ‘Cò thu, a Thighearna?’
“Agus thuirt an Tighearna, ‘Is mise Ìosa a tha thusa a' geur‑leanmhainn. 16Ach èirich agus seas air do chasan, oir tha mise air nochdadh dhut air an adhbhar seo, airson do shuidheachadh mar sheirbheiseach is mar fhianais dha na rudan anns am faca tu mi agus dha na rudan anns am foillsich mi mi fhèin dhut, 17gad shaoradh od shluagh fhèin agus o na Cinnich. Tha mi gad chur thucasan 18gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’ 19Mar sin, a rìgh Agripa, cha robh mi eas‑umhail dhan t‑sealladh nèamhaidh, 20ach chuir mi an cèill an toiseach dhaibhsan ann an Damascas, an uair sin ann an Ierusalem agus tro roinn Iudèa gu lèir, agus cuideachd dha na Cinnich, gum bu chòir dhaibh aithreachas a dhèanamh is tionndadh gu Dia, a' dèanamh ghnìomhan a fhreagras air an aithreachas aca. 21Air an adhbhar seo ghlac na h‑Iùdhaich mi san teampall agus dh'fheuch iad rim mharbhadh. 22Chun an latha an‑diugh tha an cuideachadh air a bhith agam a tha a' tighinn o Dhia, agus mar sin tha mi nam sheasamh an seo a' toirt fianais do bheag is do mhòr, gun sìon a ràdh ach na thuirt na fàidhean is Maois a thachradh, 23gum feumadh an Crìosd fulang agus, mar a' chiad neach ag èirigh o na mairbh, gun cuireadh e an cèill solas an dà chuid dhar sluagh‑ne agus dha na Cinnich.”
24Agus fhad 's a bha e ag ràdh na rudan seo ga dhìon fhèin, thuirt Festus ann an guth àrd, “A Phòil, tha thu às do rian. Tha do mhòr‑fhoghlam gad chur às do rian!”
25Ach thuirt esan, “Chan eil mi às mo rian, Fhestuis as uaisle, ach tha mi ag ràdh briathran fìor is ciallach. 26Oir is aithne dhan rìgh mu na rudan seo, agus ris‑san tha mi a' bruidhinn gu dàn. Oir tha mi cinnteach nach eil gin dhe na rudan seo falaichte bhon mhothachadh aige, oir cha deach seo a dhèanamh ann an oisean. 27A rìgh Agripa, a bheil thu a' creidsinn nam fàidhean? Tha fios agam gu bheil.”
28Agus thuirt Agripa ri Pòl, “Ann an ùine ghoirid an iompaicheadh tu mi gus a bhith nam Chrìosdaidh?”
29Agus thuirt Pòl, “Ge b' ann fada no goirid, lùiginn do Dhia gun tigeadh chan e a‑mhàin thusa ach cuideachd iadsan uile a tha ag èisteachd rium air an latha seo gus a bhith mar a tha mise – ach às aonais nan slabhraidh seo.”
30An uair sin dh'èirich an rìgh 's an riaghladair 's Bernice agus iadsan a bha nan suidhe còmhla riutha. 31Agus nuair a bha iad air falbh, thuirt iad ri càch‑a‑chèile, “Chan eil an duine seo a' dèanamh dad sam bith a tha airidh air bàs no air prìosan.”
32Agus thuirt Agripa ri Festus, “Dh'fhaodadh gun robh an duine seo air a bhith air a shaoradh mura b' e gun do dh'ath‑agair e gu Cèasar.”

Currently Selected:

Gnìomhan 26: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy