YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomhan 25

25
A' Chùirt mu choinneamh Fhestuis
1A‑nis trì latha às dèidh do dh'Fhestus an roinn a ruigsinn, chaidh e suas gu Ierusalem o Chesarèa. 2Agus shìn an t‑àrd‑shagart agus prìomh fhir nan Iùdhach a‑mach a' chùis aca an aghaidh Phòil, agus dh'earalaich iad e, 3ag iarraidh, mar fhàbhar an aghaidh Phòil, gun cuireadh e air a shon gu Ierusalem – a chionn 's gun robh iad ag ullachadh feall‑fheitheamh airson a mharbhadh air an t‑slighe. 4Fhreagair Festus gun robh Pòl air a chumail ann an Cesarèa agus gun robh esan e fhèin gus a dhol an sin a dh'aithghearr. 5“Mar sin,” ars esan, “rachadh na ceannardan nur measg sìos còmhla riumsa, agus ma tha dad ceàrr mun duine, thugadh iad casaidean na aghaidh.”
6Às dèidh dha ùine nach b' fhaide na ochd no deich latha a chur seachad còmhla riutha, chaidh e sìos gu Cesarèa. Agus an ath latha ghabh e cathair a' bhreitheanais agus dh'àithn e gum biodh Pòl air a thoirt ma choinneamh. 7Nuair a bha e air ruigsinn, sheas na h‑Iùdhaich a thàinig a‑nuas o Ierusalem mu thimcheall‑san, a' toirt chasaidean lìonmhor agus trom‑chùiseach na aghaidh, nach b' urrainn dhaibh a dhearbhadh.
8Rinn Pòl argamaid ga dhìon fhèin: “Cha do rinn mi eucoir an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair.”
9Ach, a' miannachadh fàbhar a dhèanamh dha na h‑Iùdhaich, thuirt Festus ri Pòl, “Am miann leat a dhol suas gu Ierusalem agus an sin a bhith air d' fheuchainn mu na casaidean seo mum choinneamh‑sa?”
10Ach thuirt Pòl, “Tha mi a' seasamh mu choinneamh cathair breitheanais Chèasair, far am bu chòir dhomh a bhith air m' fheuchainn. Air na h‑Iùdhaich cha do rinn mi eucoir sam bith, mar as aithne dhutsa glè mhath. 11Mar sin, mas e eucorach a tha annamsa agus gu bheil mi air rud sam bith a dhèanamh a tha gam fhàgail airidh air bàs, chan eil mi a' sireadh bàs a sheachnadh. Ach mura h‑eil sìon anns na casaidean aca nam aghaidh, chan urrainn neach sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi ag ath‑agairt gu Cèasar!”
12An uair sin, nuair a bha Festus air bruidhinn ris a' chomhairle aige, fhreagair e, “Gu Cèasar tha thu air ath‑agairt a dhèanamh. Gu Cèasar thèid thu!”
Festus a' Gabhail Comhairle an Rìgh Agripa
13A‑nis nuair a bha beagan làithean air a dhol seachad ràinig an rìgh Agripa is Bernice Cesarèa agus chuir iad fàilte air Festus. 14Agus on a dh'fhan iad mòran làithean an sin mhìnich Festus cùis Phòil dhan rìgh, ag ràdh, “Tha duine àraidh ann a chaidh fhàgail na phrìosanach le Felics; 15agus nuair a bha mi ann an Ierusalem, thug an t‑àrd‑shagart is na h‑èildearan casaidean na aghaidh, ag iarraidh binn‑dìtidh na aghaidh.
16“Fhreagair mi iad nach e cleachdadh nan Ròmanach cuideigin a thoirt thairis mus coinnich an neach a tha fo chasaid an luchd‑casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige e fhèin a dhìon a thaobh na casaid a th' air a cur na aghaidh. 17Mar sin nuair a thàinig iad còmhla an seo, cha do rinn mi dàil sam bith, ach air an ath latha shuidh mi air a' chathair‑breitheanais agus dh'àithn mi gum biodh an duine air a thoirt an làthair. 18Nuair a sheas an luchd‑casaid suas, cha tug iad casaid sam bith na aghaidh dhe na h‑uilc a shùilich mise. 19An àite sin, bha puingean connspaid sònraichte aca leis mun chreideamh aca fhèin agus mu Ìosa àraidh, a bha marbh, ach a chùm Pòl a‑mach a tha beò. 20A chionn 's gun robh mi fo imcheist a thaobh ciamar a rannsaichinn na ceistean seo, dh'fhaighnich mi dha an robh e deònach a dhol gu Ierusalem agus a dhol fo bhreitheanas mu na gnothaichean seo. 21Ach nuair a rinn Pòl ath‑agairt airson a bhith air a chumail an grèim gus an tigeadh roghainn na h‑Ìmpire, dh'àithn mi gum biodh e air a chumail fo ghrèim gus an cuirinn gu Cèasar e.”
22An uair sin thuirt Agripa ri Festus, “Bu toigh leamsa an duine a chluinntinn mi fhèin.”
“A‑màireach,” thuirt esan, “cluinnidh tu e.”
Pòl mu choinneamh Agripa
23Mar sin an ath latha thàinig Agripa agus Bernice le mòr‑ghreadhnachas, agus chaidh iad a‑steach do thalla an luchd‑èisteachd còmhla ri àrd‑cheannardan an airm agus prìomh fhir a' bhaile. An uair sin, air àithne Fhestuis, chaidh Pòl a thoirt a‑steach. 24Thuirt Festus, “A rìgh Agripa agus sibhse uile a tha an làthair còmhla rinn, tha sibh a' faicinn an duine seo mun do chuir an sluagh Iùdhach gu lèir ìmpidh ormsa, an dà chuid ann an Ierusalem agus an seo, ag èigheach nach bu chòir dha a bhith beò nas fhaide. 25Ach fhuair mise a‑mach nach do rinn e rud sam bith a bha airidh air bàs. Agus a chionn 's gun do dh'ath‑agair esan e fhèin chun an Ìmpire, chuir mi romham a chur thuige. 26Ach chan eil sìon cinnteach agam ri sgrìobhadh gum thighearna ma dheidhinn‑san. Mar sin tha mi air a thoirt mur coinneamh uile, agus gu sònraichte mud choinneamh‑sa, a rìgh Agripa, airson 's, às dèidh dhuinn a cheasnachadh, gum bi rudeigin agam ri sgrìobhadh. 27Oir tha e a' coimhead mì‑reusanta dhòmhsa a bhith a' cur prìosanach thuige, gun a bhith a' comharrachadh nan casaidean a tha na aghaidh.”

Currently Selected:

Gnìomhan 25: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in