YouVersion Logo
Search Icon

Sephaniah 3

3
1Is an‑aoibhinn dhise a tha ceannairceach agus truaillte, don chathair a tha ri sàrachadh.
2Cha tug i gèill don ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’earb i as an Tighearna: cha do tharraing i dlùth da Dia.
3Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.
4Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd.
5Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire.
6Gheàrr mi as na cinnich: tha an tùir uaigneach: rinn mi fàs an sràidean, air chor is nach eil aon gan imeachd: tha am bailtean air an sgrios, gun duine sam bith annta, gun aon neach gan àiteachadh.
7Thubhairt mi, Gu deimhinn bidh m’eagal ort, gabhaidh tu teagasg: mar sin cha bhiodh an àite-còmhnaidh air a ghearradh as, cionnas air bith a smachdaichinn iad: ach dh’èirich iad gu moch, agus thruaill iad an uile dhèanadas.
8Uime sin feithibh-se riumsa, tha an Tighearna ag ràdh, gus an là anns an èirich mi suas a‑chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rìoghachdan a tharraing ri chèile; a dhòrtadh orra mo chorraich, uile theas m’fheirge: oir loisgear an talamh gu h‑iomlan le teine m’eud-sa.
9Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.
10O thaobh thall aibhnichean Etiopia, bheir mo luchd-athchuinge, am measg mo mhuinntir sgapte, tabhartas am ionnsaigh.
11Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa.
12Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an‑shocrach agus dìblidh; agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an Tighearna.
13Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra.
14Seinn, O nighean Shioin; tog iolach, O Israeil; bi ait, agus dèan gàirdeachas led uile chridhe, O nighean Ierusaleim.
15Thug an Tighearna air falbh do bhreitheanais; thill Rìgh Israeil air falbh do naimhdean: tha an Tighearna ann ad mheadhon; chan fhaic thu olc nas mò.
16Anns an là sin theirear ri Ierusalem, Na biodh eagal ort; agus ri Sion, Na biodh do làmhan lag.
17Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.
18Cruinnichidh mi iadsan ad mheasg a tha ri caoidh airson an àrd-choitheanail, don robh a mhasladh na eallaich.
19Feuch, millidh mise d’uile luchd-sàrachaidh anns an àm sin; agus lèighsidh mi ise a tha bacach, agus cruinnichidh mi ise a bha sgaoilte; agus gheibh mi dhaibh cliù agus deagh iomradh anns gach aon tìr anns an d’fhuair iad nàire.
20Anns an àm sin bheir mi air ur n‑ais sibh; agus anns an àm anns an cruinnich mi sibh, bheir mi gun amharas dhuibh ainm agus cliù am measg uile chinnich na talmhainn, nuair a thilleas mi air a h‑ais ur bruid fa chomhair an sùl-san, deir an Tighearna.

Currently Selected:

Sephaniah 3: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in