YouVersion Logo
Search Icon

Sephaniah 2

2
1Cruinnichibh sibh fhèin ri chèile, seadh cruinnichibh ri chèile, O fhine gun iarraidh:
2Mun tig an t‑òrdagh gu buil, mun siubhail ur là seachad mar mholl; mun tig corraich gharg an Tighearna oirbh, mun tig là fearg an Tighearna oirbh.
3Iarraibh-se an Tighearna, uile dhaoine ciùine na talmhainn, a dh’obraich a bhreitheanas; iarraibh fìreantachd, iarraibh macantachd: faodaidh e a bhith gun tèarnar sibhse ann an là fearg an Tighearna.
4Gu dearbh trèigear Gàsa, agus cuirear fàs Ascelon: fògraidh iad a‑mach Asdod air mheadhon-là; agus bidh Ecron air a spìonadh à freumh.
5Mo thruaighe luchd-àiteachaidh sliosan na fairge, cinneach nan Cereteach: tha facal an Tighearna nur n‑aghaidh. O Chanàain, a thìr nam Philisteach, sgriosaidh mise thu, ionnas nach bi aon gad àiteachadh.
6Agus bidh taobh na fairge na bhothain aig buachaillean, agus na mhainnirean aig treudan.
7Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean.
8Chuala mise masladh Mhòaib, agus ana-cainnt chloinn Amoin, leis an do rinn iad mo shluagh-sa a mhaslachadh, agus iad fhèin a mheudachadh an aghaidh an crìochan.
9Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh; gu deimhinn bidh Mòab mar Shòdom, agus clann Amoin mar Ghomorrah, na fhàsach fheanntagaich, agus na phuill shalainn, agus na lèirsgrios sìorraidh; nì fuidheall mo shluaigh-sa an creachadh, agus iarmad mo chinnich an sealbhachadh.
10Seo gheibh iad airson an uabhair, a chionn gun tug iad masladh, agus gun do mheudaich iad iad fhèin an aghaidh cinneach Tighearna nan sluagh.
11Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach.
12Sibhse, Etiopacha, mar an ceudna, marbhar sibh fhèin leis a’ chlaidheamh.
13Agus sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh na h‑àird a tuath, agus sgriosaidh e Asiria; agus nì e Ninebheh na làraich luim, tioram mar am fàsach.
14Agus laighidh treudan sìos na meadhon, uile bheathaichean na talmhainn: gabhaidh am pelican agus a’ ghràineag tàmh na h‑àrd-dhorais: bidh am fuaim na h‑uinneagan: bidh fàsalachd anns an sgàth-thaigh: oir leigidh e ris a h‑obair sheudair.
15Seo a’ chathair luathghaireach a ghabh còmhnaidh gu neo-umhaileach; a thubhairt na cridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. Cionnas a dh’fhàs i na fàsach, na h‑àite airson bheathaichean gu laighe sìos ann! Nì gach aon a thèid seachad sgeig oirre, agus crathaidh e a làmh.

Currently Selected:

Sephaniah 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in