YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 9

9
1Fàistneachd facal an Tighearna. Air fearann Hadraich, agus air Damascas gabhaidh i làmh: (oir tha sùil gach duine, agus uile threubhan Israeil, air an Tighearna).
2Agus fòs air Hamat a tha làimh ris; air Tìrus agus air Sìdon, ged tha i ro‑ghlic.
3Ged thog Tìrus dhi fhèin daingneach làidir, agus ged chàrn i suas airgead mar an duslach, agus òr fìorghlan mar pholl nan sràidean;
4Feuch, tilgidh an Tighearna a‑mach i, agus buailidh e anns an fhairge a neart; agus sgriosar i le teine.
5Chì Ascelon, agus bidh eagal oirre; Gàsa fòs, agus bidh i ro‑bhrònach; is amhail a bhios Ecron, oir nàraicheadh a dòchas; agus bàsaichidh an rìgh o Ghàsa, agus chan àitichear Ascelon.
6Agus gabhaidh clann dhìolain còmhnaidh ann an Asdod; agus gearraidh mise as uabhar nam Philisteach.
7Agus bheir mi air falbh a fhuil as a bheul, agus a ghràinealachdan o eadar fhiaclan: ach an tì a mhaireas, bidh esan airson ar Dè‑ne, agus bidh e mar uachdaran ann an Iùdah, agus Ecron mar an t‑Iebusach.
8Agus campaichidh mise timcheall mo thaighe, ga dhìon on fheachd a bhios a’ dol seachad, no a bhios a’ tilleadh; cha mhò a thèid am fear-sàrachaidh tromhpa nas mò; oir a‑nis chunnaic mi lem shùilean.
9Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.
10Agus gearraidh mi as an carbad o Ephraim, agus an t‑each o Ierusalem; agus gearrar as am bogha-cogaidh; agus labhraidh esan sìth ris na cinnich: agus bidh a uachdaranachd o mhuir gu muir, agus on abhainn gu iomallan na tìre.
11Air mo shon-sa fòs, le fuil do choicheangail chuir mi a‑mach do phrìosanaich as an t‑sloc anns nach robh uisge sam bith.
12Tillibh a‑chum an daingnich, O phrìosanacha an dòchais; eadhon air an là‑an‑diugh tha mi ag innse gun dìol mi dhut beannachdan dùbailte.
13Oir lùb mi dhomh fhèin Iùdah, lìon mi am bogha le Ephraim; agus togaidh mi suas do mhic-sa, O Shioin, an aghaidh do mhac-sa, O Ghrèig, agus nì mi thu mar chlaidheamh duine cumhachdaich.
14Agus chìthear an Tighearna os an cionn, agus thèid a shaighead a‑mach mar an dealanach: agus sèididh an Tighearna Iehòbhah an trompaid, agus thèid e a‑mach le iomaghaothan na h‑àird a deas.
15Nì Tighearna nan sluagh an dìon; agus ithidh iad, agus ceannsaichidh iad le clachan-tabhaill: agus òlaidh iad, agus nì iad iolach mar le fìon; agus lìonar iad mar chupain, mar oiseanan na h‑altarach.
16Agus tèarnaidh an Tighearna an Dia iad anns an là sin, mar threud a shluaigh; oir togar suas clachan-buaidh an crùin air feadh am fearainn.
17Oir cia mòr an soirbheachadh, agus cia mòr am maise! Nì an t‑arbhar na h‑òganaich, agus am fìon-nuadh na h‑òighean, subhach.

Currently Selected:

Sechariah 9: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Sechariah 9