YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 10

10
1Iarraibh-se air an Tighearna uisge ann an àm an uisge dheireannaich; nì an Tighearna dealanach, agus bheir e dhuibh pailteas uisge; do gach aon feur anns an fhaiche.
2Oir labhair na h‑iodhalan dìomhanas, agus chunnaic na fiosaichean breug, agus dh’innis iad aislingean faoine; is dìomhain an comhfhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaille air bith ann.
3An aghaidh nam buachaillean las mo chorraich-sa, agus na gobhair smachdaichidh mi. Ach dh’amhairc Tighearna nan sluagh air a threud, taigh Iùdah; agus nì e iad mar each maiseach anns a’ chath.
4Uaithesan thig a‑mach a’ chlach-oisne, uaithesan an tarrang, uaithesan am bogha-catha, uaithesan gach uile uachdaran le chèile.
5Agus bidh iad ann an cath cosmhail ri gaisgich a shaltras air clàbar nan sràidean: agus cogaidh iad, a chionn gu bheil an Tighearna maille riu; agus cuirear marcaichean nan each gu nàire.
6Agus neartaichidh mise taigh Iùdah, agus tèarnaidh mi taigh Iòseiph; agus suidhichidh mi iad a‑rìs; oir tha truas agam dhiubh: agus bidh iad mar nach tilginn fada uam iad: oir is mise Iehòbhah an Dia, agus èisdidh mi riu.
7Agus bidh Ephraim mar ghaisgeach; agus nì an cridhe gàirdeachas mar le fìon: seadh, chì an clann, agus bidh iad ait; nì an cridhe gàirdeachas anns an Tighearna.
8Gairmidh mise iad, agus cruinnichidh mi iad, oir shaor mi iad: agus meudaichidh iad, eadhon mar a mheudaich iad.
9Agus cuiridh mi iad mar shìol am measg nan cinneach; agus cuimhnichidh iad ormsa ann an dùthchannan fad as; agus mairidh iad beò len cloinn, agus tillidh iad a‑rìs.
10Agus bheir mi air an ais iad o thìr na h‑Eiphit, agus cruinnichidh mi iad a‑mach à Asiria; agus bheir mi iad air an ais gu tìr Ghileaid agus Lebanoin; agus cha bhi àite nas leòr ra fhaotainn dhaibh.
11Agus thèid e tron fhairge le dòrainn: agus buailidh e na tonnan anns an fhairge; agus tiormaichidh uile dhoimhneachdan na h‑aibhne suas; agus bheirear a‑nuas uabhar Asiria, agus imichidh slat-rìoghail na h‑Eiphit seachad.
12Agus neartaichidh mi iad anns an Tighearna: agus na ainm-san gluaisidh iad, deir an Tighearna.

Currently Selected:

Sechariah 10: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in