YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 11

11
1Fosgail do dhorsan, O Lebanoin, a‑chum gun loisg an teine do sheudair.
2Guil gu h‑àrd, O chraobh ghiuthais, oir thuit an seudar; oir tha iadsan a b’àirde air am milleadh: dèanaibh gul, O dharagan Bhasain; oir ghearradh frìth na callaid.
3Guth ulartaich nam buachaillean! A chionn gu bheil an glòir air a milleadh. Guth beucach nan leòmhann òga! Oir tha uabhar Iòrdain air a chreachadh.
4Mar seo thubhairt an Tighearna, mo Dhia, Beathaich thusa treud a’ chasgraidh,
5A tha an sealbhadairean a’ marbhadh, agus gam meas fhèin neo-chiontach: agus tha iadsan a tha gan reic ag ràdh, Beannaichte gu robh an Tighearna, oir tha mi saoibhir: agus chan eil truas aig an aodhairean fhèin dhiubh.
6Oir cha ghabh mise nas mò truas de luchd-àiteachaidh na tìre, tha an Tighearna ag ràdh; ach feuch, bheir mi thairis daoine, gach aon do làimh a choimhearsnaich, agus do làimh a rìgh; agus buailidh iad am fearann, agus cha saor mi as an làimh.
7Agus beathaichidh mi treud a’ chasgraidh, eadhon sibhse, a bhochdan an treud. Agus ghabh mi am ionnsaigh dà luirg: air aon dhiubh thug mi mar ainm Maise, agus air aon eile thug mi mar ainm Cuibhrichean; agus bheathaich mi an treud.
8Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam-sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam-san dhòmhsa.
9An sin thubhairt mi, Cha bheathaich mi sibh; an nì sin a bhàsaicheas, bàsaicheadh e; agus an nì sin a tha gu bhith air a ghearradh as, biodh e air a ghearradh as: agus itheadh a’ chuid eile gach aon feòil a chèile.
10Agus ghabh mi mo lorg, eadhon Maise, agus gheàrr mi na bloighdean i, a‑chum gum brisinn mo choicheangal a rinn mi ris an slòigh uile.
11Agus bhriseadh e anns an là sin: agus mar sin dh’aithnich bochdan an treud a thug an aire dhomh gum b’e sin facal an Tighearna.
12Agus thubhairt mi riu, Ma chìthear ceart dhuibh, thugaibh dhomh mo luach; agus mura faicear, leigibh leis: mar sin thomhais iad airson mo luach, deich-buinn-fhichead airgid.
13Agus thubhairt an Tighearna rium, Tilg a‑chum a’ chreadhadair e: an luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leòsan! Agus ghabh mi na deich-buinn-fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an taigh an Tighearna, a‑chum a’ chreadhadair.
14Agus gheàrr mi as a chèile mo lorg eile, eadhon Cuibhrichean; a‑chum gum brisinn am bràithreachas eadar Iùdah agus Israel.
15Agus thubhairt an Tighearna rium a‑rìs, Gabh ad ionnsaigh fhathast innealan buachaille amaidich:
16Oir feuch, togaidh mise suas buachaille anns an fhearann, nach seall an dèidh an nì sin a ghearrar as: nach iarr a’ chuid a tha òg; agus nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; cha mhò a bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feòil na cuid a tha reamhar, agus reubaidh e an crodhain nam bloighdean.
17Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.

Currently Selected:

Sechariah 11: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Sechariah 11