Sechariah 7
7
1Agus thàrladh ann an ceathramh bliadhna Dhariuis gun tàinig facal an Tighearna gu Sechariah, air a’ cheathramh là den naoidheamh mìos, eadhon Chisleu.
2(Nuair a chuir iad gu taigh Dhè, Seresar agus Regemelech, agus an daoine a dh’fhiosrachadh an làthair an Tighearna;
3A labhairt ris na sagartan a bha ann an taigh Tighearna nan sluagh, agus ris na fàidhean, ag ràdh, An dèan mi gul anns a’ chòigeamh mìos, gam dhealachadh fhèin, mar a rinn mi an iomadh bliadhna seo?)
4An sin thàinig facal Tighearna nan sluagh am ionnsaigh-sa, ag ràdh,
5Labhair ri uile shluagh an fhearainn, agus ris na sagartan, ag ràdh, Nuair a thraisg agus a ghuil sibh anns a’ chòigeamh agus anns an t‑seachdamh mìos, eadhon na deich agus trì-fichead bliadhna seo, an do thraisg sibh idir air mo shon-sa, eadhon air mo shon-sa?
6Agus nuair a dh’ith sibh, agus nuair a dh’òl sibh, nach d’ith sibh air ur son fhèin, agus nach d’òl sibh air ur son fhèin?
7Nach iad seo na briathran a dh’èigh an Tighearna leis na ciad fhàidhean, nuair a bha Ierusalem air a h‑àiteachadh, agus a’ soirbheachadh, agus a bailtean mun cuairt dhi; agus an taobh deas agus an còmhnard air an àiteachadh?
8An sin thàinig facal an Tighearna gu Sechariah, ag ràdh,
9Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Cuiribh an gnìomh ceart-bhreitheanas, agus nochdaibh tròcair agus iochd, gach duine da bhràthair:
10Agus na sàraichibh a’ bhantrach, no an dìlleachdan, an coigreach, no am bochd; agus na smaoinicheadh neach air bith agaibh nur cridhe olc an aghaidh a bhràthar.
11Ach dhiùlt iadsan èisdeachd, agus tharraing iad a’ ghuala on chuing, agus dhruid iad an cluasan, a‑chum nach cluinneadh iad.
12Seadh, rinn iad an cridheachan mar chloich adamaint, mun cluinneadh iad an lagh, agus na briathran a chuir Tighearna nan sluagh le a spiorad, leis na fàidhean roimhe seo: air an adhbhar sin, thàinig corraich mhòr o Thighearna nan sluagh.
13Agus thachair amhail a ghlaodh mise, agus nach d’èisd iadsan; mar sin ghlaodh iadsan, agus cha d’èisd mise, deir Tighearna nan sluagh.
14Ach sgap mi iad le cuairt-ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’aithne dhaibh: agus bha am fearann fàs nan dèidh, air chor is nach do shiubhail neach air bith troimhe, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach na fàsach.
Currently Selected:
Sechariah 7: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017