YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 6

6
1Agus a‑rìs thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig ceithir carbadan a‑mach o eadar dhà shliabh; agus bu shlèibhtean umha na slèibhtean.
2Ris a’ chiad charbad bha eich ruadha, agus ris an dara carbad eich dhubha.
3Agus ris an treas carbad eich gheala, agus ris a’ cheathramh carbad eich bhalla-dhearg.
4An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi ris an aingeal a bha a’ labhairt rium, Ciod iad seo, mo thighearna?
5Agus fhreagair an t‑aingeal, agus thubhairt e rium, Is iad seo ceithir spioradan nan nèamh a tha a’ dol a‑mach o bhith nan seasamh an làthair Tighearna na talmhainn uile.
6Thèid na h‑eich dhubha a tha ann a‑mach don tìr mu thuath, agus thèid na h‑eich gheala a‑mach nan dèidh; agus thèid na h‑eich bhalla-dhearg a‑mach ris an tìr mu dheas.
7Agus chaidh na h‑eich bhalla-dhearg a‑mach, agus thairg iad imeachd a‑chum gun siùbhladh iad sìos agus suas air feadh na talmhainn. Agus thubhairt e, Falbhaibh, imichibh sìos agus suas air feadh na talmhainn. Is amhail a dh’imich iad sìos agus suas air feadh na talmhainn.
8An sin ghairm e orm, agus labhair e rium, ag ràdh, Feuch, iad seo a tha ag imeachd gus an tìr mu thuath, chiùinich iad mo spiorad anns an tìr mu thuath.
9Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
10Gabh dhiubhsan a tha den bhruid, de theaghlach Heldai, agus Thobiah, agus Iedaiah; agus falbhaidh tu air an là cheudna, agus thèid thu a‑steach do thaigh Iosiah mhic Shephaniah, a thill o Bhàbilon.
11Agus gabhaidh tu airgead agus òr, agus nì thu crùin, agus cuiridh tu iad air ceann Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart:
12Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Feuch an duine don ainm am Meangan; agus fàsaidh e a‑nìos as àite, agus togaidh e teampall an Tighearna.
13Togaidh eadhon esan teampall an Tighearna, agus gheibh e glòir, agus suidhidh e, agus riaghlaidh e air a rìgh-chathair; agus bidh e na shagart air a rìgh-chathair; agus bidh comhairle na sìthe eatorra araon.
14Agus bidh crùn aig Helem, agus aig Tobiah, agus aig Iedaiah, agus aig Hen mac Shephaniah, mar chuimhneachan ann an teampall an Tighearna.
15Agus thig iadsan a tha fad as, agus togaidh iad ann an teampall an Tighearna; agus bidh fhios agaibh gun do chuir Tighearna nan sluagh mise dur n‑ionnsaigh. Agus thig seo gu crìch, ma bheir sibh gèill gu cùramach do ghuth an Tighearna ur Dia.

Currently Selected:

Sechariah 6: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in