YouVersion Logo
Search Icon

Salm 7

7
Sigaion le Daibhidh, a sheinn e don Tighearna a‑thaobh briathran Chuis am Beniàmineach.
1A Thighearna mo Dhia, annad cuiridh mi mo dhòigh; saor mi uapasan uile a tha an tòir orm, agus teasairg mi,
2Air eagal mar leòmhann gun reub e m’anam, ga liodairt, gun neach a shaoras.
3A Thighearna mo Dhia, ma rinn mi seo, ma tha lochd am làmhan,
4Ma dh’ìoc mi olc don fhear a bha an sìth rium, no ma rinn mi fòirneart airsan a bha na eascaraid dhomh gun adhbhar,
5Geur-leanadh an nàmhaid m’anam, agus glacadh e e, agus saltradh e mo bheatha gu làr, agus leagadh e mo chliù anns an duslach. Selah.
6Eirich, a Thighearna, ad fheirg; tog suas thu fhèin airson corraich mo naimhdean, agus mosgail air mo shon a‑chum na breith a dh’àithn thu.
7An sin cuartaichidh coitheanal an t‑sluaigh thu; air an son-san, uime sin, till gu ionad àrd.
8Bheir an Tighearna breith air an t‑sluagh; thoir breith orm, a Thighearna, a rèir m’fhìreantachd, agus a rèir m’ionracais a tha annam.
9Thigeadh crìoch air aingidheachd nan aingidh, ach daingnich thusa am fìrean, oir dearbhaidh tu na cridheachan agus na h‑àirnean, a Dhè chothromaich.
10Is e Dia mo sgiath, a shaoras iadsan a tha ceart ann an cridhe.
11Is britheamh cothromach Dia, agus bidh Dia ann am feirg ris a’ chiontach gach là.
12Mura till e, geuraichidh e a chlaidheamh; chuir e a bhogha air lagh, agus dheasaich e e.
13Agus dh’ullaich e air a shon innealan bàis; dhealbh e a shaighdean an aghaidh luchd geur-leanmhainn.
14Feuch, tha e ri saothair le euceart; ghin e olc, agus rug e breug.
15Dh’fhosgail e sloc, agus chladhaich e e, agus thuit e fhèin anns a’ chlais a rinn e.
16Tillidh a olc air a cheann fhèin, agus thig a fhòirneart a‑nuas air a chlaigeann fhèin.
17Molaidh mise an Tighearna a rèir a cheartais, agus seinnidh mi cliù do ainm an Tighearna as ro‑àirde.

Currently Selected:

Salm 7: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in