YouVersion Logo
Search Icon

Salm 8

8
Don àrd-fhear-ciùil air Gitit. Salm le Daibhidh.
1O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile! a shocraich do ghlòir os cionn nan nèamh.
2A beul naoidhean agus chìochran dh’òrdaich thu neart, airson do naimhdean, a‑chum gun caisgeadh tu an nàmhaid agus an dìoghaltach.
3Nuair a dh’amhairceas mi air do nèamhan, obair do mheur; air a’ ghealaich agus na reultan, a shuidhich thu;
4Cò e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e?
5Rinn thu e beagan na b’ìsle na na h‑ainglean, agus chrùn thu e le glòir agus le urram.
6Thug thu uachdaranachd dha air obraichean do làmh; chuir thu gach nì fo a chasan;
7Caoraich agus buar uile, agus mar an ceudna ainmhidhean na machrach;
8Eunlaith nan speur, agus iasg na mara, a shiùbhlas air slighean nan cuan.
9O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile!

Currently Selected:

Salm 8: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in