YouVersion Logo
Search Icon

Salm 130

130
Laoidh nan ceum.
1O na doimhneachdan ghlaodh mi riut, a Thighearna.
2A Thighearna, èisd rim ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean.
3Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas?
4Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad.
5Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.
6Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna, nas mò na luchd-faire na maidne, seadh, na luchd-faire na maidne.
7Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr-shaorsa;
8Agus saoraidh e Israel o a euceartan gu lèir.

Currently Selected:

Salm 130: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in