YouVersion Logo
Search Icon

Salm 129

129
Laoidh nan ceum.
1Is minig a chràidh iad mi om òige, abradh Israel a‑nis;
2Is minig a chràidh iad mi om òige; gidheadh cha tug iad buaidh orm.
3Air mo dhruim threabh an luchd-treabhaidh; tharraing iad an sgrìoban fada.
4Tha an Tighearna cothromach; gheàrr e o chèile cùird nan aingidh.
5Cuirear gu h‑amhluadh agus tillear air an ais iadsan uile lem fuathach Sion.
6Bidh iad mar fheur air mullach thaighean, a sheargas mum fàs e suas,
7Leis nach lìon am buanaiche a ghlac, no fear-ceangail nan sguab a bhroilleach.
8Cha mhò a their iadsan a bhios a’ dol seachad riu, Beannachd an Tighearna gu robh oirbh; tha sinne gur beannachadh ann an ainm an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 129: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Salm 129