YouVersion Logo
Search Icon

Salm 13

13
Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.
1Cia fhad, a Thighearna, a dhìochuimhnicheas tu mi? An ann gu bràth? Cia fhad a dh’fhalaicheas tu do ghnùis uam?
2Cia fhad a ghabhas mi comhairle ann am anam, bròn ann am chridhe gach là? Cia fhad a dh’àrdaichear mo nàmhaid os mo chionn?
3Amhairc orm, èisd rium, a Thighearna mo Dhia; soillsich mo shùilean, air eagal gun caidil mi a‑chum bàis;
4Air eagal gun abair mo nàmhaid, Bhuadhaich mi na aghaidh; gun dèan m’eascairdean gàirdeachas nuair a dh’aomar mi.
5Ach dh’earb mise as do thròcair; nì mo chridhe gàirdeachas ann ad shlàinte.
6Seinnidh mi don Tighearna, a chionn gun do bhuin e rium gu fial, agus seinnidh mi cliù do ainm an Tighearna as ro‑àirde.

Currently Selected:

Salm 13: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in