YouVersion Logo
Search Icon

Salm 11

11
Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.
1As an Tighearna earbaidh mi. Carson a their sibh rim anam, Teich as mar eun gud shliabh?
2Oir feuch, chuir na h‑aingidh bogha air lagh; ghleus iad an saighead air sreing, a‑chum tilgeadh anns an dorchadas orrasan a tha ceart nan cridhe.
3Ma sgriosar na bunaitean, ciod a nì am fìrean?
4Tha an Tighearna na theampall naomh; tha rìgh-chathair an Tighearna anns na nèamhan; chì a shùilean, rannsaichidh a rosgan clann nan daoine.
5Rannsaichidh an Tighearna am fìrean; ach an t‑aingidh, agus esan a thug spèis do fhòirneart, is fuath le a anam.
6Frasaidh e air na h‑aingidh ribeachan, teine agus pronnasg agus doineann uamhasach, mar chuibhreann an cupain.
7Oir is ionmhainn leis an Tighearna cheart ceartas; amhaircidh a ghnùis air an duine ionraic.

Currently Selected:

Salm 11: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in