YouVersion Logo
Search Icon

Salm 10

10
1Carson, a Thighearna, a sheasas tu fad o làimh, a dh’fhalaicheas tu thu fhèin ann an aimsirean teanntachd?
2Na uabhar geur-leanaidh an t‑aingidh am bochd; glacar iad anns na h‑innleachdan a dhealbh iad.
3Oir nì an t‑aingidh ràiteachas à miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach as beag le Dia.
4Ann an uabhar a ghnùise chan iarr an t‑aingidh Dia; chan eil Dia na uile smuaintean.
5Tha a shlighean doilgheasach anns gach àm; tha do bhreitheanais àrd as a shealladh; a‑thaobh a naimhdean uile, nì e tarcais orra.
6Thubhairt e na chridhe, Cha ghluaisear mi; gu bràth cha bhi mi ann an àmhghar.
7Tha a bheul làn de mhallachadh agus de cheilg agus de mhealltaireachd; fo a theangaidh tha donas agus dìomhanas.
8Suidhidh e ann an ionadan-falaich nam bailtean beaga; ann an àitean diamhair mortaidh e an neochiontach; tha a shùilean ann an uaigneas a’ dearcadh air a’ bhochd.
9Nì e feall-fhalach gu diamhair, mar leòmhann na gharaidh; nì e feall-fhalach a‑chum gun glac e an duine bochd; glacaidh e an duine bochd, ga tharraing na lìon.
10Crùbaidh e, cromaidh e sìos, agus tuitidh am bochd le a dhaoine làidir.
11Thubhairt e na chridhe, Dhìochuimhnich Dia; dh’fhalaich e a ghnùis; cha lèir dha siud am feasd.
12Eirich, a Thighearna Dhè, tog suas do làmh; na dìochuimhnich na daoine bochda.
13Carson a rinn an t‑aingidh tàir air Dia, a thubhairt e na chridhe, Chan iarr thu e?
14Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.
15Bris thusa gàirdean an aingidh agus an droch dhuine; rannsaich a‑mach a aingidheachd gus nach faigh thu i.
16Tha an Tighearna na Rìgh gu saoghal nan saoghal; sgriosadh na cinnich a‑mach as a thìr.
17A Thighearna, chuala tu miann nan daoine bochda; deasaichidh tu an cridhe; bheir thu air do chluais èisdeachd,
18A chumail còir ris an dìlleachdan agus ris an truaghan, a‑chum nach dèan duine on ùir fòirneart nas mò.

Currently Selected:

Salm 10: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in