YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth-fhacal 23

23
1Nuair a shuidheas tu a dh’ithe maille ri uachdaran, thoir an ro‑aire do na bheil fad chomhair;
2Agus cuir sgian rid sgòrnan, mas duine thu air do thabhairt do chraos.
3Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad.
4Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin.
5An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh.
6Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis.
7Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.
8An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis.
9Na labhair ann an cluasan amadain; oir nì e tàir air gliocas do bhriathar.
10Na atharraich an seann chomharradh-crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:
11Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh.
12Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais.
13Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs.
14Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn.
15A mhic, ma bhios do chridhe glic, nì mo chridhe-sa gàirdeachas, eadhon mo chridhe-sa:
16Seadh, nì m’àirnean gàirdeachas, nuair a labhras do bhilean nithean cearta.
17Na gabhadh do chridhe farmad ri peacaich: ach bi ann an eagal an Tighearna air feadh an là uile.
18Oir gu deimhinn tha crìoch ann; ach cha ghearrar as do dhòchas.
19Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t‑slighe.
20Na bi am measg phòitearan fìona; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla.
21Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn; agus èidichidh turra-chadal duine le luideagan.
22Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda.
23Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse.
24Nì athair an fhìrein mòr-ghàirdeachas; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann.
25Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas.
26A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.
27Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban-choigreach.
28Tha i mar an ceudna ri feall-fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd-dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine.
29Cò dom buin truaighe? Cò a tha ri bròn? Cò aig a bheil connsachadh? Cò a tha ri gearan? Cò aig a bheil lotan gun adhbhar? Cò aig a bheil deirge shùl?
30Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte.
31Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach.
32Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh-nathair sàthaidh e a‑ghath.
33Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona:
34Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn-siùil.
35Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e.

Currently Selected:

Gnàth-fhacal 23: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in