YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth-fhacal 22

22
1Is roghnaiche ainm math na mòr-shaoibhreas, agus deagh-ghean na airgead agus òr.
2Coinnichidh am beartach agus am bochd a chèile: is e an Tighearna a rinn iad gu lèir.
3Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.
4Trìd irioslachd agus eagal an Tighearna, thig saoibhreas, agus urram, agus beatha.
5Tha droigheann agus ribeachan ann an slighe an duine fhiair: an tì a ghleidheas a anam fhèin, thèid e am fad uapa.
6Teagaisg leanabh a‑thaobh na slighe air an còir dha imeachd; agus nuair a bhios e sean, cha trèig e i.
7Riaghlaidh am beartach os cionn nam bochd; agus bidh an tì a ghabhas an coingheall na sheirbhiseach dhàsan a bheir ann an coingheall.
8An tì a shìol-chuireas euceart, buainidh e dìomhanas; agus caithear slat a fheirge.
9Beannaichear esan aig a bheil sùil fhial; oir bheir e de a aran don bhochd.
10Tilg a‑mach am fear-fochaid, agus thèid connsachadh a‑mach; seadh, sguiridh còmhstri agus masladh.
11An tì leis an ionmhainn glaine cridhe, is taitneach a bhilean; bidh an rìgh na charaid aige.
12Coimheadaidh sùilean an Tighearna eòlas; ach tilgidh e bun-os‑cionn briathran a’ chiontaich.
13Their an leisgean, Tha leòmhann a‑muigh, anns na sràidean marbhar mi.
14Is sloc domhain beul bhan coimheach; an tì as gràineil leis an Tighearna tuitidh e ann.
15Tha amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh; ach cuiridh slat an smachdachaidh fada uaithe i.
16An tì a shàraicheas am bochd a mheudachadh a mhaoin fhèin, agus an tì a bheir don t‑saoibhir, thig e gu deimhinn gu uireasbhaidh.
17Aom do chluas, agus èisd ri briathran dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa:
18Oir is taitneach an nì e, ma ghleidheas tu iad ann ad chom, ma bhios iad araon deas air do bhilean.
19A‑chum gum biodh d’earbsa as an Tighearna, nochd mi dhut an‑diugh, eadhon dhutsa.
20Nach do sgrìobh mi dhut nithean òirdheirc, ann an comhairlean, agus ann an eòlas?
21A‑chum gun nochdainn dhut cinnte briathran na fìrinn; a‑chum gum freagradh tu briathran na fìrinn dhaibhsan a chuireas fios ad ionnsaigh?
22Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàraich an truaghan anns a’ gheata:
23Oir tagraidh an Tighearna an cùis, agus millidh e anam na muinntir a mhilleas iad.
24Na dèan suas càirdeas ris an fheargach; agus maille ri fear na h‑àrd-chorraich na imich:
25Air eagal gun ionnsaich thu a shlighean, agus gum faigh thu ribe dod anam.
26Na bi dhiubhsan a bhuaileas an làmhan, no dhiubhsan a thèid an urras airson fhiach.
27Mura eil nì agad gu dìoladh, carson a bheireadh uat do leabaidh a tha fodhad?
28Na atharraich an seann chomharradh-crìche, a shuidhich d’athraichean.
29Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.

Currently Selected:

Gnàth-fhacal 22: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in