1
Gnàth-fhacal 22:6
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Teagaisg leanabh a‑thaobh na slighe air an còir dha imeachd; agus nuair a bhios e sean, cha trèig e i.
Compare
Explore Gnàth-fhacal 22:6
2
Gnàth-fhacal 22:4
Trìd irioslachd agus eagal an Tighearna, thig saoibhreas, agus urram, agus beatha.
Explore Gnàth-fhacal 22:4
3
Gnàth-fhacal 22:1
Is roghnaiche ainm math na mòr-shaoibhreas, agus deagh-ghean na airgead agus òr.
Explore Gnàth-fhacal 22:1
4
Gnàth-fhacal 22:24
Na dèan suas càirdeas ris an fheargach; agus maille ri fear na h‑àrd-chorraich na imich
Explore Gnàth-fhacal 22:24
5
Gnàth-fhacal 22:9
Beannaichear esan aig a bheil sùil fhial; oir bheir e de a aran don bhochd.
Explore Gnàth-fhacal 22:9
6
Gnàth-fhacal 22:3
Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.
Explore Gnàth-fhacal 22:3
7
Gnàth-fhacal 22:7
Riaghlaidh am beartach os cionn nam bochd; agus bidh an tì a ghabhas an coingheall na sheirbhiseach dhàsan a bheir ann an coingheall.
Explore Gnàth-fhacal 22:7
8
Gnàth-fhacal 22:2
Coinnichidh am beartach agus am bochd a chèile: is e an Tighearna a rinn iad gu lèir.
Explore Gnàth-fhacal 22:2
9
Gnàth-fhacal 22:22-23
Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàraich an truaghan anns a’ gheata: Oir tagraidh an Tighearna an cùis, agus millidh e anam na muinntir a mhilleas iad.
Explore Gnàth-fhacal 22:22-23
Home
Bible
Plans
Videos