Gnàth-fhacal 14
14
1Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin.
2Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air.
3Ann am beul an amadain tha slat uabhair; ach gleidhidh bilean nan daoine glice iad.
4Far nach bi daimh, bidh a’ phrasach glan; ach bidh fàs mòr le neart an daimh.
5Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan.
6Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda.
7Imich à làthair an duine amaidich, nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais.
8Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan.
9Nì amadain magadh den pheacadh; ach am measg nam fìrean tha deagh-ghean.
10Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.
11Tilgear taigh nan aingidh bun-os‑cionn; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth.
12Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis.
13Ann an gàire fhèin bidh an cridhe brònach; agus is e deireadh an t‑subhachais sin tùirse.
14Le a shlighean fhèin lìonar esan a thionndaidh air ais na chridhe; agus uaithe fhèin sàsaichear an duine math.
15Creididh an duine baoghalta gach facal; ach bheir an duine ciallach an aire da cheum.
16Bidh eagal air an duine ghlic; agus trèigidh e an t‑olc; ach tha an t‑amadan borb agus dàn.
17An tì air am bi fearg gu h‑obann, nì e gu h‑amaideach; agus fuathaichear fear nan droch innleachd.
18Sealbhaichidh daoine baoghalta amaideachd mar oighreachd; ach crùnar na daoine ciallach le eòlas.
19Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine matha, agus na h‑aingidh aig geatachan an fhìrein.
20Eadhon le a choimhearsnach fhèin fuathaichear duine bochd; ach is lìonmhor iad leis an ionmhainn an duine saoibhir.
21An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan.
22Nach tèid iadsan air seachran a dhealbhas an t‑olc? Ach bidh tròcair agus fìrinn acasan a dhealbhas am math.
23Anns gach saothair bidh tairbhe; ach thig cainnt nam bilean a‑mhàin gu uireasbhaidh.
24Is e crùn nan daoine glice an saoibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan.
25Saoraidh fianais fhìor anaman; ach labhraidh fianais chealgach breugan.
26Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean.
27Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.
28Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain.
29An tì a tha mall a‑chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian na spiorad, àrdaichidh e amaideachd.
30Is e beatha na feòla cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh am farmad.
31An tì a shàraicheas am feumach, maslaichidh e a Chruithear; ach bheir an tì sin urram dha, a ghabhas truas den bhochd.
32Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.
33Ann an cridhe an duine thuigsich gabhaidh gliocas tàmh; ach aithnichear an nì a tha an taobh a‑staigh nan amadan.
34Ardaichidh fìreantachd cinneach; ach is e am peacadh masladh sluaigh air bith.
35Bidh deagh-ghean an rìgh aig seirbhiseach glic; ach bidh a fhearg na aghaidh-san a bhios na adhbhar nàire.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 14: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017