Gnàth-fhacal 13
13
1Eisdidh mac glic ri teagasg a athar; ach chan èisd fear na fochaid ri achmhasan.
2De thoradh a bheòil ithidh duine nì math; ach ithidh anam nan eucorach ainneart.
3Esan a choimheadeas a bheul, gleidhidh e a anam; ach esan a dh’fhosglas a bhilean, thig sgrios air.
4Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor.
5Is beag air an fhìrean na breugan; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàraichear e.
6Gleidhidh fìreantachd esan a tha ionraic na shlighe; ach claoidhidh aingidheachd am peacach.
7Tha neach ann a leigeas air a bhith beartach, agus gun nì air bith aige; tha neach ann a leigeas air a bhith bochd, agus mòr shaoibhreas aige.
8Is e èirig anam duine a shaoibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan.
9Nì solas nam fìrean aoibhneach; ach cuirear as lòchran nan aingidh.
10O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas.
11Lùghdaichear saoibhreas an dìomhanais; ach esan a chruinnicheas le saothair, meudaichidh e.
12Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e.
13Esan a nì tàir air facal, millear e; ach esan air am bi eagal ro àithne, gheibh e luigheachd.
14Is tobar beatha lagh an duine ghlic, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.
15Bheir tuigse mhath deagh-ghean; ach is cruaidh slighe luchd-easaontais.
16Nì gach duine ciallach a ghnothach le eòlas; ach leigidh an t‑amadan ris a amaideachd.
17Tuitidh an droch theachdaire ann an olc; ach is slàinte an teachdaire dìleas.
18Bochdainn agus nàire bidh dhàsan a dhiùltas fòghlam; ach an tì aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram.
19Is milis don anam am miann a choileanar; ach is beag air amadain dealachadh ris an olc.
20An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.
21Leanaidh olc peacaich; ach do na fìreanan ìocar math.
22Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich.
23Bidh mòran bìdh ann an treabhadh nam bochd; ach bidh neach ann a sgriosar a dhìth breitheanais.
24An tì a chaoimhneas a shlat, is beag air a mhac; ach an tì leis an ionmhainn e, smachdaichidh e e na thràth.
25Ithidh am fìrean gu sàsachadh a anama; ach bidh dìth air broinn nan aingidh.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 13: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017