YouVersion Logo
Search Icon

Malachi 1

1
1Fàistneachd facal an Tighearna a‑chum Israeil, le Malachi.
2Ghràdhaich mise sibh, tha an Tighearna ag ràdh: gidheadh tha sibhse ag ràdh, Ciod anns an do ghràdhaich thu sinn? Nach b’e Esau bràthair Iàcoib, tha an Tighearna ag ràdh? Gidheadh ghràdhaich mise Iàcob.
3Agus dh’fhuathaich mi Esau; agus chuir mi a shlèibhtean fàs, agus tha a oighreachd aig nathraichean an fhàsaich.
4Mar tha Edom ag ràdh, Rinneadh bochd sinn, ach tillidh sinn agus togaidh sinn na h‑ionadan sgaoilte; mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Togaidh iadsan, ach tilgidh mise sìos; agus goirear riu, Crìoch na h‑aingidheachd, agus an sluagh ris a bheil corraich aig an Tighearna gu sìorraidh.
5Agus chì ur sùilean-se, agus their sibh, Bidh an Tighearna air àrdachadh thar crìochan Israeil.
6Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?
7Tha sibh a’ toirt seachad arain thruaillte air m’altair; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne do thruailleadh? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha bòrd an Tighearna suarach.
8A‑nis ma thairgeas sibh an nì a tha dall mar ìobairt, nach olc sin? Agus ma thairgeas sibh an nì a tha bacach agus tinn, nach olc sin? Tairg e a‑nis dod uachdaran; am bi e toilichte leat, no an gabh e riut? deir Tighearna nan sluagh.
9Agus a‑nis, guidheam oirbh, iarraibh aghaidh an Tighearna, gum bi e tròcaireach dhuinn. Is ann o ur làimh-se a thàinig seo; an gabh mise ri aon agaibh gu taitneach? deir Tighearna nan sluagh.
10Gu cinnteach druidear na dorsan nur n‑aghaidh; agus chan fhadaidh sibh teine air m’altair-sa gu dìomhain. Chan eil tlachd air bith agam annaibh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cha mhò a ghabhas mi tabhartas air bith o ur làimh.
11Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.
12Ach thruaill sibhse e, le sibh a bhith ag ràdh, Tha bòrd an Tighearna truaillte; agus an tabhartas air, eadhon a bhiadh, tha e suarach.
13Thubhairt sibh fòs, Cia mòr an sgìos e? Agus shèid sibh uaibh e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thug sibh am ionnsaigh an nì a bha reubte, agus bacach, agus tinn; mar seo thug sibh tabhartas: an gabh mise sin o ur làimh? deir Tighearna nan sluagh.
14Ach mallaichte gu robh am mealltair, aig a bheil fireann na threud, agus a bhòidicheas agus a dh’ìobras nì truaillidh don Tighearna: oir is Rìgh mòr mise, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus tha m’ainm uamhasach am measg nan cinneach.

Currently Selected:

Malachi 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Malachi 1