YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 14

14
1Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, agus roinnear do chreach ann ad mheadhon.
2Oir cruinnichidh mise na h‑uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh; agus glacar am baile, agus creachar na taighean, agus èignichear na mnathan; agus thèid leth a’ bhaile air falbh ann am bruid; agus cha ghearrar a’ chuid eile den t‑sluagh as on bhaile.
3Agus thèid an Tighearna a‑mach, agus cogaidh e an aghaidh nan cinneach sin, mar a chog e ann an là a’ chatha.
4Agus seasaidh a chasan air an là sin air Sliabh nan Crann-ola, a tha fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoltaidh Sliabh nan Crann-ola na mheadhon, ris an àird an ear, agus ris an àird an iar, air chor is gum bi gleann ro‑mhòr ann: agus gluaisidh leth an t‑slèibh ri tuath, agus an leth eile ri deas.
5Agus teichidh sibhse rathad gleann nan sliabh: oir ruigidh gleann nan sliabh gu Asal: seadh, teichidh sibh mar a theich sibh ron chrith-thalmhainn, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah: agus thig an Tighearna mo Dhia-sa, agus a naoimh uile maille ris.
6Agus tàrlaidh anns an là sin nach bi solas soilleir agus dorchadas ann;
7Ach bidh e na aon là, a bhios aithnichte don Tighearna: cha là agus chan oidhche a bhios ann: ach tàrlaidh air tràth feasgair gum bi solas ann.
8Agus tàrlaidh air an là sin, gun tèid uisgeachan beò a‑mach à Ierusalem; leth dhiubh ris an fhairge an ear, agus leth dhiubh ris an fhairge an iar: anns an t‑samhradh agus anns a’ gheamhradh bidh e.
9Agus bidh an Tighearna na rìgh os cionn na talmhainn uile: anns an là sin bidh aon Tighearna ann, agus a ainm na aon.
10Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon-amair an rìgh.
11Agus nì daoine còmhnaidh innte, agus cha bhi lèirsgrios ann nas mò; ach bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh ann an tèarainteachd.
12Agus seo a’ phlàigh leis am buail an Tighearna na slòigh a chog an aghaidh Ierusaleim: leaghaidh am feòil air falbh am feadh a tha iad nan seasamh air an casan, agus leaghaidh an sùilean air falbh nan sluic, agus leaghaidh an teanga air falbh nam beul.
13(Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi buaireas mòr on Tighearna nam measg: agus glacaidh iad greim, gach aon de làimh a choimhearsnaich; agus èiridh a làmh suas an aghaidh làmh a choimhearsnaich.
14Agus cogaidh Iùdah fòs aig Ierusalem; agus cruinnichear ri chèile maoin nan uile chinneach mun cuairt, òr, agus airgead, agus earradh, ann am pailteas mòr.)
15Agus bidh plàigh an eich, na muileid, a’ chàmhail, agus na h‑asail, agus nan uile bheathaichean a bhios anns na campan seo, mar a’ phlàigh seo.
16Agus tàrlaidh gun tèid gach aon a dh’fhàgar, de na h‑uile chinnich a thàinig an aghaidh Ierusaleim, suas o bhliadhna gu bliadhna gu adhradh a dhèanamh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, agus a choimhead fèill nam pàillean.
17Agus tàrlaidh, cò sam bith de uile theaghlaichean na talmhainn nach tèid suas gu Ierusalem, a dhèanamh adhraidh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, eadhon orra sin cha tig uisge sam bith.
18Agus mura tèid teaghlach na h‑Èiphit suas, agus mura tig iad, orrasan bidh a’ phlàigh sin leis am buail an Tighearna na cinnich nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean.
19Seo peanas na h‑Èiphit, agus peanas nan uile chinneach nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean.
20Anns an là sin, bidh air cluig nan each, Naomhachd don Tighearna: agus bidh na coireachan ann an taigh an Tighearna mar na cuachan fa chomhair na h‑altarach.
21Seadh, bidh gach poit ann an Ierusalem, agus ann an Iùdah, nan naomhachd do Thighearna nan sluagh: agus thig iadsan uile a dh’ìobras, agus gabhaidh iad dhiubh, agus bruichidh iad annta: agus cha bhi nas mò an Canàanach ann an taigh Iehòbhah Dia nan sluagh anns an là sin.

Currently Selected:

Sechariah 14: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Sechariah 14