YouVersion Logo
Search Icon

Habacuc 3

3
1Ùrnaigh Habacuc am fàidh air Sigionot.
2O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath-bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair.
3Thàinig Dia o Theman, agus an Tì naomh o shliabh Phàrain. Selah. Chòmhdaich a ghlòir na nèamhan, agus bha an talamh làn de a chliù.
4Agus bha a shoilleireachd mar a’ ghrian; o a làimh shruth deàrsannan solais; agus an sin bha àite-falaich a mhòrachd.
5Ro a ghnùis chaidh a’ phlàigh; agus chaidh èibhlean teine a‑mach o a chasan.
6Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe maireannach.
7Chunnaic mi pàilleanan Chusain ann an àmhghar: chriothnaich brat-sgàile fearann Mhidiain.
8An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte?
9Rinneadh do bhogha glan-rùisgte, a rèir nam mionn do na treubhan, eadhon d’fhacail. Selah. Sgoilt thu an talamh le sruthan.
10Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.
11Sheas a’ ghrian agus a’ ghealach nan àite: nan solas shiubhail do shaighdean; nan dealradh do shleaghan lìomhte.
12Dh’imich thu tron fhearann ann am feirg, bhuail thu na cinnich ann an corraich.
13Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.
14Bhuail thu led shlait ceann a bhailtean. Ruith iad a‑mach mar chuairt-ghaoith gu ar sgapadh; bha an gàirdeachas mar gun sluigeadh iad am bochd gu h‑uaigneach.
15Choisich thusa tron fhairge led eich: tro chruinneachadh nan uisgeachan mòra.
16Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.
17Ged nach toir an crann-fìge uaithe blàth, agus ged nach fàs air an fhìonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn-ola, agus ged nach toir na machraichean uapa lòn; ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtean:
18Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte.
19Is e an Tighearna Iehòbhah mo neart, agus nì e mo chasan mar chasan èilde, agus bheir e orm coiseachd air m’ionadan àrda. Don àrd-fhear-chiùil air m’innealan teudach.

Currently Selected:

Habacuc 3: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Habacuc 3