YouVersion Logo
Search Icon

Habacuc 2

2
1Seasaidh mi air m’fhaire, agus cuiridh mi mi fhèin air an tùr, agus feuchaidh mi ciod a their e rium, agus ciod a fhreagras mi nuair a chronaichear mi.
2Agus fhreagair an Tighearna mi, ag ràdh, Sgrìobh an fhàistneachd, agus dèan soilleir i air clàran, air chor is gum faod esan ruith a leughas i.
3Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.
4Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.
5Seadh fòs, mar dhuine a thèid as an rathad le fìon, tha e uaibhreach, agus chan eil e a’ gabhail fois; a’ meudachadh a chìocrais mar an uaigh; agus mar am bàs chan fhaodar a shàsachadh; agus tha e a’ cruinneachadh da ionnsaigh nan uile chinneach, agus a’ tional dha fhèin nan uile shluagh.
6Nach tog iad seo uile suas cosamhlachd na aghaidh, agus gnàth-fhacal tàmailteach ma thimcheall, ag ràdh, Is truagh dhàsan a mheudaicheas an nì nach leis fhèin! Cia fhad? Agus dhàsan a luchdaicheas e fhèin le criadh thiugh.
7Nach èirich iadsan suas gu grad a theumas thu; agus nach dùisg iadsan a chuireas dragh ort? Agus nach bi thusa dhaibh mar chobhartach?
8A chionn gun do chreach thu mòran chinneach, creachaidh uile iarmad nan cinneach thusa: airson fuil dhaoine, agus sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd-àiteachaidh.
9Mo thruaighe esan a tha a’ sanntachadh droch shannt da thaigh; a‑chum a nead a shuidheachadh gu h‑àrd; gu e fhèin a shaoradh o chumhachd àmhghair.
10Dhealbh thu nàire dod thaigh, le mòran shluagh a ghearradh as; agus pheacaich thu an aghaidh d’anama fhèin.
11Oir glaodhaidh a’ chlach a‑mach as a’ bhalla; agus freagraidh an t‑sail as an fhiodh i.
12Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas baile le fuil, agus a dhaingnicheas cathair le aingidheachd.
13Feuch, nach ann o Thighearna nan sluagh a tha seo, gun saothraicheadh daoine anns an teine, agus gun sgithicheadh slòigh iad fhèin airson nì faoin?
14Gu cinnteach lìonar an talamh le eòlas glòir an Tighearna, mar a tha na h‑uisgeachan a’ còmhdachadh na fairge.
15Is an‑aoibhinn dhàsan a tha a’ toirt air a choimhearsnach òl, a tha a’ cur ris a chupain, agus ga chur air mhisg mar an ceudna, a‑chum gun amhairceadh e air a lomnochdaidh.
16Tha thu air do lìonadh le nàire an àite glòire: òl thusa fòs, agus biodh do ro‑chraiceann air a leigeadh ris: riutsa tillear cupan làmh dheas an Tighearna; agus bidh sgeith nàireach air do ghlòir.
17Oir nì ainneart Lebanoin do chòmhdachadh, agus cuiridh sgrios ainmhidhean eagal ort; airson fuil dhaoine, agus airson sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd-àiteachaidh.
18Ciod an tairbhe a tha anns an ìomhaigh shnaidhte, gun do rinn am fear a dhealbh i a snaidheadh: anns an ìomhaigh leaghte, agus ann am fear-teagaisg nam breug, gun earbadh fear-dèanamh na h‑obrach seo aisde, a dhèanamh iodhalan balbha?
19Is truagh dhàsan a tha ag ràdh ris an fhiodh, Dùisg: ris a’ chloich bhailbh, Èirich. An teagaisg i? Feuch, tha i air a’ cur thairis le òr agus airgead; agus chan eil anail air bith an taobh a‑staigh dhith.
20Ach tha an Tighearna na theampall naomh: bi ad thosd na fhianais, O thalaimh uile.

Currently Selected:

Habacuc 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in