Genesis 50
50
1Agus thuit Iòseph air aghaidh a athar, agus ghuil e air, agus phòg e e.
2Agus dh’àithn Iòseph da sheirbhisich, na lèighean, spìosraidh a chur air corp a athar; agus chuir na lèighean spìosraidh air Israel.
3Agus choileanadh air a shon dà‑fhichead là (oir mar seo coileanar làithean na muinntir sin air an cuirear spìosraidh); agus rinn na h‑Eiphitich bròn air a shon deich agus trì-fichead là.
4Agus nuair a chaidh làithean a bhròin thairis, labhair Iòseph ri teaghlach Phàraoh, ag ràdh, A‑nis ma fhuair mi deagh-ghean nur sùilean, labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan Phàraoh, ag ràdh,
5Ghabh m’athair mionnan dhìom, ag ràdh, Feuch, tha mise a’ faghail a’ bhàis: ann am uaigh a chladhaich mi dhomh fhèin ann an tìr Chanàain, an sin adhlaicidh tu mi. A‑nis uime sin leig dhomh dol suas, guidheam ort, agus m’athair adhlac, agus thig mi a‑rìs.
6Agus thubhairt Phàraoh, Falbh suas, agus adhlaic d’athair, a rèir mar a ghabh e mionnan dhìot.
7Agus chaidh Iòseph suas a dh’adhlac a athar: agus maille ris chaidh seirbhisich Phàraoh suas uile, seanairean a thaighe, agus uile sheanairean tìr na h‑Eiphit,
8Agus teaghlach Iòseiph uile, agus a bhràithrean, agus teaghlach a athar: a‑mhàin dh’fhàg iad an clann bheag agus an caoraich agus am buar ann an tìr Ghòsein.
9Agus chaidh suas maille ris araon carbadan agus marc-shluagh: agus bha a’ chuideachd ro‑mhòr.
10Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.
11Agus nuair a chunnaic luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, am bròn ann an ùrlar Ataid, thubhairt iad, Is doilgheasach am bròn seo do na h‑Eiphitich; uime sin thugadh Abel-misraim mar ainm air, a tha an taobh thall de Iòrdan.
12Agus rinn a mhic dha mar a dh’àithn e dhaibh:
13Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanàain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achadh Mhachpelah, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh mar sheilbh àit-adhlaic, o Ephron an t‑Hiteach, fa chomhair Mhamre.
14Agus thill Iòseph don Eiphit, e fhèin agus a bhràithrean, agus iadsan uile a chaidh suas maille ris a dh’adhlac a athair, an dèidh dha a athair adhlac.
15Agus nuair a chunnaic bràithrean Iòseiph gun d’fhuair an athair bàs, thubhairt iad, Theagamh gun toir Iòseph fuath dhuinn, agus gun dìol e gu cinnteach oirnn an t‑olc sin uile a rinn sinn air.
16Agus chuir iad teachdairean gu Iòseph, ag ràdh, Dh’àithn d’athair mun d’fhuair e bàs, ag ràdh,
17Mar sin their sibh ri Iòseph, Maith, guidheam ort a‑nis, eucoir do bhràithrean agus am peacadh, do bhrìgh gun do rinn iad olc ort; agus a‑nis, guidheam ort, maith eucoir seirbhisich Dia d’athar. Agus ghuil Iòseph nuair a labhair iad ris.
18Agus chaidh a bhràithrean mar an ceudna, agus thuit iad sìos na làthair, agus thubhairt iad, Feuch, is seirbhisich dhut sinne.
19Agus thubhairt Iòseph riu, Na biodh eagal oirbh; oir a bheil mise ann an àite Dhè?
20Agus dur taobh-se, shònraich sibh olc am aghaidh; ach shònraich Dia sin a‑chum maith, a‑chum, mar air an là‑an‑diugh, gun tèarnadh e mòr-shluagh beò.
21A‑nis uime sin na biodh eagal oirbh: altramaidh mise sibh, agus ur clann bheag. Agus thug e comhfhurtachd dhaibh, agus labhair e gu coibhneil riu.
22Agus ghabh Iòseph còmhnaidh anns an Eiphit, e fhèin agus teaghlach a athar: agus bha Iòseph beò ceud agus deich bliadhna.
23Agus chunnaic Iòseph clann Ephraim, den treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseh air glùinean Iòseiph.
24Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.
25Agus ghabh Iòseph mionnan de chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan-sa suas as a seo.
26Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e anns an Eiphit.
Currently Selected:
Genesis 50: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017