1
Genesis 50:20
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Agus dur taobh-se, shònraich sibh olc am aghaidh; ach shònraich Dia sin a‑chum maith, a‑chum, mar air an là‑an‑diugh, gun tèarnadh e mòr-shluagh beò.
Compare
Explore Genesis 50:20
2
Genesis 50:19
Agus thubhairt Iòseph riu, Na biodh eagal oirbh; oir a bheil mise ann an àite Dhè?
Explore Genesis 50:19
3
Genesis 50:21
A‑nis uime sin na biodh eagal oirbh: altramaidh mise sibh, agus ur clann bheag. Agus thug e comhfhurtachd dhaibh, agus labhair e gu coibhneil riu.
Explore Genesis 50:21
4
Genesis 50:17
Mar sin their sibh ri Iòseph, Maith, guidheam ort a‑nis, eucoir do bhràithrean agus am peacadh, do bhrìgh gun do rinn iad olc ort; agus a‑nis, guidheam ort, maith eucoir seirbhisich Dia d’athar. Agus ghuil Iòseph nuair a labhair iad ris.
Explore Genesis 50:17
5
Genesis 50:24
Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.
Explore Genesis 50:24
6
Genesis 50:25
Agus ghabh Iòseph mionnan de chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan-sa suas as a seo.
Explore Genesis 50:25
7
Genesis 50:26
Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e anns an Eiphit.
Explore Genesis 50:26
Home
Bible
Plans
Videos