Genesis 49
49
1Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach.
2Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, agus cluinnibh, a mhaca Iàcoib, agus èisdibh ri Israel ur n‑athair.
3A Reubein, is tu mo chiad-ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas àrd-inbhe, agus òirdheirceas cumhachd:
4Neo-sheasmhach mar uisge, cha toir thu barrachd, do bhrìgh gun deachaidh tu suas do leabaidh d’athar; an sin thruaill thu i; chaidh e suas dom uirigh.
5Is bràithrean Simeon agus Lèbhi: tha innealan aingidheachd nan àitean-còmhnaidh.
6Nan diamhaireachd na tigeadh m’anam-sa: rin coitheanal na biodh m’onair-sa air a h‑aonadh: oir nan corraich mharbh iad duine, agus nam fèin-thoil leag iad sìos balla.
7Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.
8A Iùdah, molaidh do bhràithrean thusa; bidh do làmh ann am muineal do naimhdean: cromaidh clann d’athar iad fhèin sìos ad làthair.
9Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e?
10Cha dealaich an t‑slat-rìoghail ri Iùdah, no lagh-thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:
11A’ ceangal a shearraich ris an fhìonain, agus loth a asail ris an fhìonain thaghte; nigh e a aodach ann am fìon, agus a thrusgan ann am fuil nam fìondhearc:
12Bidh a shùilean nas deirge na fìon, agus a fhiaclan nas gile na bainne.
13Gabhaidh Sebulun còmhnaidh aig caladh a’ chuain, agus bidh e airson caladh long; agus bidh a oirthir gu ruig Sìdon.
14Is asal làidir Isachar, a’ crùbadh sìos eadar dà eallaich:
15Agus chunnaic e gum bu mhath an nì fois, agus gu robh am fearann taitneach; agus chrom e a ghualainn gu iomchar, agus rinneadh e na sheirbhiseach do chìs.
16Bheir Dan breith air a shluagh, mar aon de threubhan Israeil.
17Bidh Dan na nathair air an ròd, na nathair-nimhe air an t‑slighe, a theumas sàiltean an eich, air chor is gun tuit a mharcach an coinneamh a chùil.
18Rid shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna.
19Gad, bheir buidheann buaidh air: ach bheir esan buaidh mu dheireadh.
20A‑mach à Aser bidh a aran-san reamhar, agus bheir e uaithe sògh rìoghail.
21Is eilid air a leigeadh fuasgailte Naphtali; bheir e facail thaitneach uaithe.
22Is geug thorrach Iòseph, geug thorrach làimh ri tobar, aig a bheil a meanglain a’ sgaoileadh thar a’ bhalla:
23Chràidh na fir-bhogha gu geur e, agus thilg iad air, agus dh’fhuathaich iad e.
24Ach dh’fhan a bhogha na neart, agus rinneadh gàirdeanan a làmh làidir le làmhan Dia cumhachdach Iàcoib; (uaithe sin tha am buachaille, clach Israeil;)
25Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn.
26Thug beannachdan d’athar barrachd air beannachdan mo shinnsearan, gu ruig foir-iomall nan sliabh sìorraidh; bidh iad air ceann Iòseiph agus air mullach a chinn-san a sgaradh o a bhràithrean.
27Nì Beniàmin fiadhach mar mhadadh-allaidh: anns a’ mhadainn ithidh e a’ chobhartach, agus anns an fheasgar roinnidh e a’ chreach.
28Is iad sin uile dà‑threubh-dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.
29Agus dh’àithn e dhaibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise a‑chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille rim athraichean anns an uaimh a tha ann an achadh Ephroin an t‑Hiteach;
30Anns an uaimh a tha ann an achadh Mhachpelah, a tha fa chomhair Mhamre, ann an tìr Chanàain, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh o Ephron an t‑Hiteach, mar sheilbh àit-adhlaic.
31(An sin dh’adhlaic iad Abrahàm agus Sàrah a bhean; an sin dh’adhlaic iad Isaac agus Rebecah a bhean; agus an sin dh’adhlaic mise Lèah.)
32Cheannaicheadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, o chloinn Het.
33Agus nuair a chrìochnaich Iàcob àitheantan a thoirt da mhic, chruinnich e a chasan suas don leabaidh, agus chaochail e, agus chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine.
Currently Selected:
Genesis 49: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017