Genesis 48
48
1Agus an dèidh nan nithean sin, dh’innis neach do Iòseph, Feuch, tha d’athair tinn: agus thug e leis a dhà mhac, Manaseh agus Ephraim.
2Agus dh’innis neach do Iàcob, agus thubhairt e, Feuch, tha do mhac Iòseph a’ teachd ad ionnsaigh: agus neartaich Israel e fhèin, agus shuidh e air an leabaidh.
3Agus thubhairt Iàcob ri Iòseph, Dh’fhoillsich an Dia Uile-chumhachdach e fhèin dhòmhsa aig Luds ann an tìr Chanàain, agus bheannaich e mi,
4Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh.
5Agus a‑nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhut ann an tìr na h‑Eiphit, mun tàinig mise ad ionnsaigh don Eiphit, is leamsa iad: mar Reuben agus Shimeon, bidh iad leamsa.
6Agus bidh do shliochd, a ghineas tu nan dèidh, leat fhèin; a rèir ainm am bràithrean goirear iad nan seilbh fhèin.
7Agus air mo shon-sa dheth, nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanàain, air an t‑slighe, nuair nach robh fhathast ach astar goirid ri teachd gu Ephrat: agus dh’adhlaic mi an sin i air an t‑slighe gu Ephrat; is e sin Betlehem.
8Agus chunnaic Israel mic Iòseiph, agus thubhairt e, Cò iad sin?
9Agus thubhairt Iòseph ra athair, Is iad mo mhic-sa iad, a thug Dia dhomh an seo. Agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh iad, guidheam ort, agus beannaichidh mi iad.
10Agus bha sùilean Israeil trom le aois, air chor is nach bu lèir dha gu math: agus thug e am fagas dha iad, agus phòg e iad, agus ghabh e na ghlacan iad.
11Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Cha do shaoil mi gum faicinn do ghnùis, agus, feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do shliochd.
12Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr.
13Agus ghabh Iòseph iad le chèile, Ephraim na làimh dheis o làimh chlì Israeil, agus Manaseh na làimh chlì o làimh dheis Israeil; agus thug e am fagas dha iad.
14Agus shìn Israel a‑mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chlì air ceann Mhanaseh: stiùir e a làmhan gu seòlta; oir b’e Manaseh an ciad-ghin.
15Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh,
16An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn.
17Agus nuair a chunnaic Iòseph gun do chuir a athair a làmh dheas air ceann Ephraim, cha do thaitinn e ris: agus chùm e suas làmh a athar, a‑chum a h‑atharrachadh o cheann Ephraim gu ceann Mhanaseh.
18Agus thubhairt Iòseph ra athair, Chan ann mar sin, athair: oir is e seo an ciad-ghin; cuir do làmh dheas air a cheann.
19Agus dhiùlt a athair, agus thubhairt e, Tha fhios agam, a mhic, tha fhios agam; bidh esan cuideachd na shluagh, agus fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu deimhinn bidh a bhràthair as òige nas mò na e, agus bidh a shliochd nam mòran chinneach.
20Agus bheannaich e iad air an là sin, ag ràdh, Annadsa beannaichidh Israel, ag ràdh, Gun dèanadh Dia thu mar Ephraim, agus mar Mhanaseh: agus chuir e Ephraim ro Mhanaseh,
21Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean.
22Agus thug mise dhut aon chuid-roinne thar do bhràithrean a bhuin mi a‑mach à làimh an Amoraich lem chlaidheamh agus lem bhogha.
Currently Selected:
Genesis 48: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017