Genesis 47
47
1An sin thàinig Iòseph agus dh’innis e do Phàraoh, agus thubhairt e, Thàinig m’athair agus mo bhràithrean, agus an treudan, agus am feudail, agus gach nì a bha aca, a‑mach à tìr Chanàain; agus, feuch, tha iad ann am fearann Ghòsein.
2Agus ghabh e còignear de a bhràithrean, agus chuir e an làthair Phàraoh iad.
3Agus thubhairt Phàraoh ra bhràithrean, Ciod as ceàird dhuibh? Agus thubhairt iadsan ri Phàraoh, Is buachaillean do sheirbhisich, sinn fhèin agus ar n‑athraichean.
4Thubhairt iad mar an ceudna ri Phàraoh, Is ann gu bhith air chuairt anns an tìr a thàinig sinn, oir chan eil feur aig do sheirbhisich dan sprèidh, do bhrìgh gu bheil a’ ghorta mòr ann an tìr Chanàain: a‑nis uime sin, guidheamaid ort, leig led sheirbhisich còmhnaidh a ghabhail ann an fearann Ghòsein.
5Agus labhair Phàraoh ri Iòseph, ag ràdh, Thàinig d’athair agus do bhràithrean ad ionnsaigh:
6Tha tìr na h‑Eiphit romhad; anns a’ chuid as fheàrr den fhearann thoir air d’athair agus do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail; gabhadh iad còmhnaidh ann am fearann Ghòsein; agus mas aithne dhut gu bheil nam measg daoine comasach, nì thu iad nan àrd-bhuachaillean air mo sprèidh-sa.
7Agus thug Iòseph Iàcob a athair a‑steach, agus chuir e an làthair Phàraoh e: agus bheannaich Iàcob Phàraoh.
8Agus thubhairt Phàraoh ri Iàcob, Ciod as aois dhut?
9Agus thubhairt Iàcob ri Phàraoh, Is iad làithean bliadhnachan mo chuairte ceud agus deich-bliadhna-fichead: bu tearc agus olc làithean bliadhnachan mo bheatha, agus cha do ràinig iad làithean bliadhnachan beatha m’athraichean ann an làithean an cuairte-san.
10Agus bheannaich Iàcob Phàraoh, agus chaidh e a‑mach à làthair Phàraoh.
11Agus shuidhich Iòseph a athair, agus a bhràithrean, agus thug e dhaibh sealbh ann an tìr na h‑Eiphit, anns a’ chuid as fheàrr den fhearann, ann am fearann Rameseis, mar a dh’àithn Phàraoh.
12Agus bheathaich Iòseph a athair agus a bhràithrean agus uile theaghlach a athar le aran, a rèir an cloinne.
13Agus cha robh aran anns an tìr uile; oir bha a’ ghorta ro‑mhòr, air chor is gu robh tìr na h‑Eiphit agus tìr Chanàain uile fann leis a’ ghorta.
14Agus chruinnich Iòseph an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an tìr na h‑Eiphit agus ann an tìr Chanàain, airson a’ bhìdh a cheannaich iad: agus thug Iòseph an t‑airgead do thaigh Phàraoh.
15Agus nuair a theirig airgead ann an tìr na h‑Eiphit agus ann an tìr Chanàain, thàinig na h‑Eiphitich uile gu Iòseph, ag ràdh, Thoir dhuinn aran: carson a gheibheamaid bàs ad làthair? Oir theirig ar n‑airgead.
16Agus thubhairt Iòseph, Thugaibh seachad ur sprèidh, agus bheir mise dhuibh airson ur sprèidhe, ma theirig airgead dhuibh.
17Agus thug iad an sprèidh gu Iòseph; agus thug Iòseph dhaibh aran airson nan each, agus airson nan caorach, agus airson a’ chruidh, agus airson nan asal; agus bheathaich e iad le aran, airson an sprèidhe uile, air a’ bhliadhna sin.
18Nuair a chrìochnaicheadh a’ bhliadhna sin, thàinig iad da ionnsaigh air an dara bliadhna, agus thubhairt iad ris, Cha cheil sinn air mo thighearna gun do chaitheadh ar n‑airgead; tha mar an ceudna ar treudan sprèidhe aig mo thighearna; cha d’fhàgadh ann an sealladh mo thighearna ach ar cuirp agus ar fearann.
19Carson a gheibh sinn bàs fa chomhair do shùl, araon sinne agus ar fearann? Ceannaich sinne agus ar fearann airson arain, agus bidh sinne agus ar fearann nar seirbhisich do Phàraoh: agus thoir dhuinn sìol, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs, agus nach bi am fearann na fhàsach.
20Agus cheannaich Iòseph fearann na h‑Eiphit uile do Phàraoh; oir reic na h‑Eiphitich gach duine a fhearann fhèin, a chionn gun do bhuadhaich a’ ghorta orra: mar sin bu le Phàraoh an talamh.
21Agus a‑thaobh an t‑sluaigh, chuir e air imrich iad do bhailtean o aon cheann crìochan na h‑Eiphit eadhon gu ruig an ceann eile dhith.
22A‑mhàin fearann nan sagart cha do cheannaich e; oir dh’òrdaicheadh cuibhreann do na sagartan le Phàraoh, agus dh’ith iad an cuibhreann a thug Phàraoh dhaibh: uime sin cha do reic iad am fearann.
23Agus thubhairt Iòseph ris an t‑sluagh, Feuch, cheannaich mi sibh an‑diugh, agus ur fearann do Phàraoh; feuch, seo sìol dhuibh, agus cuiribh am fearann.
24Agus tàrlaidh, de na chinneas gun toir sibh an còigeamh cuid do Phàraoh, agus bidh agaibh fhèin ceithir earrannan, airson sìol an fhearainn, agus airson ur bìdh, agus airson muinntir ur teaghlaichean, agus airson bìdh dur cloinn bhig.
25Agus thubhairt iadsan, Ghlèidh thu beò sinn: faigheamaid deagh-ghean ann an sealladh mo thighearna, agus bidh sinn nar seirbhisich do Phàraoh.
26Agus rinn Iòseph sin na lagh gus an là‑an‑diugh air feadh fearann na h‑Eiphit, gum biodh aig Phàraoh an còigeamh cuid, saor a‑mhàin o fhearann nan sagart, nach bu le Phàraoh.
27Agus ghabh Israel còmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, ann an talamh Ghòsein; agus bha sealbh aca ann, agus shìolaich iad, agus dh’fhàs iad ro‑lìonmhor.
28Agus bha Iàcob beò ann an tìr na h‑Eiphit seachd-bliadhna-deug: agus b’iad bliadhnachan beatha Iàcoib uile ceud agus dà‑fhichead agus seachd bliadhna.
29Agus dhlùthaich an t‑àm anns am b’èiginn do Israel bàs fhaotainn: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fom leis, agus buin gu coibhneil agus gu fìrinneach rium; na adhlaic mi, guidheam ort, anns an Eiphit:
30Ach laighidh mi maille rim athraichean, agus giùlainidh tu mi a‑mach as an Eiphit, agus adhlaicidh tu mi nan àit-adhlaic-san. Agus thubhairt esan, Nì mi mar a thubhairt thu.
31Agus thubhairt e, Mionnaich dhomh: agus mhionnaich e dha. Agus chrom Israel e fhèin air ceann-adhairt na leapa.
Currently Selected:
Genesis 47: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017