Genesis 46
46
1Agus dh’imich Israel maille ris gach nì a bha aige, agus thàinig e gu Beer-sèba, agus thug e suas ìobairtean do Dhia a athar, Isaac.
2Agus labhair Dia ri Israel ann an taisbeanan na h‑oidhche, agus thubhairt e, A Iàcoib, a Iàcoib. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.
3Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia d’athar: na biodh eagal ort dol sìos don Eiphit; oir nì mise ad chinneach mòr thu an sin:
4Thèid mise maille riut sìos don Eiphit; agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach a‑nìos thu a‑rìs: agus cuiridh Iòseph a làmh air do shùilean.
5Agus dh’èirich Iàcob suas o Bheer-sèba: agus thug mic Israeil leo Iàcob an athair, agus an clann bheag, agus am mnathan, anns na carbadan a chuir Phàraoh ga ghiùlan.
6Agus ghabh iad an sprèidh, agus am maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanàain, agus thàinig iad don Eiphit, Iàcob agus a shliochd uile maille ris;
7A mhic, agus mic a mhac maille ris, a nigheanan, agus nigheanan a mhac, agus a shliochd uile thug e maille ris don Eiphit.
8Agus is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit, Iàcob agus a mhic: Reuben, ciad-ghin Iàcoib.
9Agus mic Reubein; Hanoch, agus Phallu, agus Hesron, agus Carmi.
10Agus mic Shimeoin: Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac ban-Chanàanaich.
11Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.
12Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.
13Agus mic Isachair: Tola, agus Phubhah, agus Iob, agus Simron.
14Agus mic Shebuluin: Sered, agus Elon, agus Iahleel.
15Is iad sin mic Lèah, a rug i do Iàcob ann am Padan-àram, maille ra nighinn Dinah: b’iad uile anaman a mhac agus a nigheanan trì-deug ar fhichead.
16Agus mic Ghaid; Siphion, agus Hagai, Suni, agus Esbon, Heri, agus Arodi, agus Areli.
17Agus mic Aseir: Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. Agus mic Bheriah: Heber agus Malchiel.
18Is iad sin mic Shilpah, a thug Làban da nighinn Lèah; agus rug i iad sin do Iàcob, eadhon sia-anaman-deug.
19Mic Racheil bean Iàcoib, Iòseph agus Beniàmin.
20Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Eiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha.
21Agus b’iad mic Bheniàmin: Belah, agus Becher, agus Asbel, Gera, agus Nàaman, Ehi, agus Ros, Mupim, agus Hupim, agus Ard.
22Is iad sin mic Racheil, a rugadh do Iàcob: na h‑anaman uile, ceithir-deug.
23Agus mic Dhain: Husim.
24Agus mic Naphtali: Iahseel, agus Guni, agus Ieser, agus Sillem.
25Is iad sin mic Bhilhah, a thug Làban da nighinn Rachel, a rug i do Iàcob: na h‑anaman uile, seachdnar.
26Na h‑anaman uile a thàinig le Iàcob don Eiphit, a thàinig a‑mach as a leasraidh, a thuilleadh air mnathan mic Iàcoib; b’iad na h‑anaman seo uile trì-fichead is a sia;
27Agus mic Iòseiph a rugadh dha anns an Eiphit, bu dà anam iad: uile anaman taigh Iàcoib, a thàinig don Eiphit, bu trì-fichead is a deich iad.
28Agus chuir e Iùdah roimhe gu Iòseph, a‑chum is gun tugadh e fios dha teachd na làthair ann an Gòsen; agus thàinig iad gu fearann Ghòsein.
29Agus bheartaich Iòseph a charbad, agus chaidh e suas an coinneamh Israeil, a athair, gu Gòsen; agus nochd e e fhèin dha, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal rè tamaill.
30Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Faigheam-sa a‑nis bàs, o chunnaic mi do ghnùis, do bhrìgh gu bheil thu fhathast beò.
31Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, agus ri teaghlach a athar, Thèid mise suas, agus cuiridh mi an cèill do Phàraoh, agus their mi ris, Tha mo bhràithrean, agus teaghlach m’athar, a bha ann an tìr Chanàain, air teachd am ionnsaigh:
32Agus is buachaillean na daoine, oir bu luchd-sprèidhe iad; agus thug iad leo an treudan, agus am feudail, agus gach nì a bha aca.
33Agus tàrlaidh, nuair a ghairmeas Phàraoh oirbh, agus a their e, Ciod as ceàird dhuibh?
34Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.
Currently Selected:
Genesis 46: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017