YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 23

23
1Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.
2Agus dh’àithn an t‑àrd-shagart Ananias dhaibhsan, a bha nan seasamh làimh ris, a bhualadh air a’ bheul.
3An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh?
4Agus thubhairt iadsan a sheas làimh ris, A bheil thusa a’ toirt ana-cainnt do àrd-shagart Dhè?
5An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd-shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill.
6Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.
7Agus air dhàsan seo a labhairt, dh’èirich còmhstri eadar na Pharasaich agus na Sadusaich: agus roinneadh an coitheanal an aghaidh a chèile.
8Oir tha na Sadusaich ag ràdh nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann; ach tha na Pharasaich ag aideachadh gach aoin dhiubh.
9Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè.
10Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd-cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal.
11Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall-sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh.
12Agus air teachd don là, chruinnich dream àraidh de na h‑Iùdhaich an ceann a chèile, agus chuir iad iad fhèin fo mhallachadh, ag ràdh nach itheadh agus nach òladh iad gus am marbhadh iad Pòl.
13Agus bha iad os cionn dà‑fhichead fear a rinn an co‑mhionnachadh seo.
14Agus thàinig iad a‑chum nan àrd-shagart, agus nan seanairean, agus thubhairt iad, Chuir sinne sinn fhèin fo àrd-mhallachadh, nach blaiseamaid nì sam bith gus am marbhamaid Pòl.
15A‑nis uime sin iarraibh-se maille ris a’ chomhairle air an àrd-cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh-se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh.
16Agus nuair a chuala mac-peathar Phòil am feall-fhalach seo, thàinig e, agus air dha dol a‑steach don chaisteal, dh’innis e sin do Phòl.
17An sin ghairm Pòl da ionnsaigh aon de na ceannardan-ceud, agus thubhairt e, Thoir an t‑òganach seo a‑chum an àrd-cheannaird; oir tha nì àraidh aige ri innse dha.
18An sin thug e leis e, agus threòraich e e a‑chum an àrd-cheannaird, agus thubhairt e, Ghairm Pòl am prìosanach mise da ionnsaigh, agus ghuidh e orm an t‑òganach seo a thoirt ad ionnsaigh-sa, aig a bheil nì‑eigin ri innse dhut.
19An sin rug an t‑àrd-cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa?
20Agus thubhairt esan, Rinn na h‑Iùdhaich comhairle iarraidh ortsa gun tugadh tu Pòl a‑màireach don chomhairle, mar gum biodh iad gu rannsachadh nas gèire a dhèanamh air nì‑eigin ma thimcheall.
21Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall-fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa.
22An sin leig an t‑àrd-cheannard uaithe an t‑òganach, agus dh’àithn e dha, ag ràdh, Feuch nach innis thu do neach sam bith gun d’fhoillsich thu na nithean seo dhòmhsa.
23Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard-ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì-fichead marcach, agus dà cheud fear-sleagha, air an treas uair den oidhche.
24Agus ullaichibh eich, a‑chum air dhaibh Pòl a chur orra, gun toir iad e gu tèarainte a‑chum an uachdarain Felics.
25Agus sgrìobh e litir air a’ mhodh seo:
26Beatha agus slàinte o Chlaudius Lisias, a‑chum an uachdarain ro‑òirdheirc Felics.
27Ghlacadh an duine seo leis na h‑Iùdhaich, agus nuair a bha iad air tì a mharbhadh, thàinig mise orra le saighdearan, agus theasairg mi e, a’ tuigsinn gum bu Ròmanach e.
28Agus air dhomh a bhith toileach air fios an adhbhair fhaotainn airson an d’agair iad e, thug mi sìos e a‑chum an comhairle-san:
29Agus thuig mi gu robh e air agairt mu cheistean den lagh fhèin, gun nì sam bith air a chur as a leth a b’airidh air bàs no air ceanglaichean.
30Ach nuair a dh’innseadh dhomh gu robh na h‑Iùdhaich gu foill a chaitheadh air an duine, air ball chuir mi ad ionnsaigh-sa e, agus thug mi àithne mar an ceudna da luchd-casaid gach cùis a bha aca na aghaidh a chur an cèill ad làthair-sa. Slàn leat.
31An sin air do na saighdearan Pòl a ghabhail, a rèir mar a dh’àithneadh dhaibh, thug iad anns an oidhche e gu Antipatris.
32Agus air an là màireach leig iad don mharc-shluagh dol leis, agus thill iad fhèin don chaisteal.
33Agus nuair a chaidh iad a‑steach do Chesarèa, agus a thug iad an litir don uachdaran, chuir iad mar an ceudna Pòl na fhianais.
34Agus nuair a leugh an t‑uachdaran an litir, dh’fhiosraich e ciod an dùthaich on robh e. Agus nuair a thuig e gur ann o Chilicia a bha e,
35Thubhairt e, Eisdidh mi riut, nuair a thig do luchd-casaid mar an ceudna. Agus dh’àithn e esan a choimhead ann an talla-breitheanais Heroid.

Currently Selected:

Gnìomharan 23: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in