Gnìomharan 22
22
1Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh rim dhìon-chainnt ribh a‑nis:
2(Agus nuair a chuala iadsan gun do labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, bu mhò a thosd iad: agus thubhairt esan,)
3Is Iùdhach mise da‑rìribh, a rugadh ann an Tarsas na Cilicia, ach a thogadh anns a’ bhaile seo, aig casan Ghamalieil, agus a theagaisgeadh gu coileanta a rèir gnàth lagh nan athraichean; agus bha mi eudmhor a‑thaobh Dhè, mar a tha sibhse uile an‑diugh.
4Agus rinn mi geur-leanmhainn gu bàs air an t‑slighe seo, a’ ceangal fhear agus bhan, agus gan tarraing gu prìosan.
5Mar a nì an t‑àrd-shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra.
6Agus thàrladh, air dhomh a bhith ag imeachd, agus a’ druideadh ri Damascas mu mheadhon-là, gun do dhealraich gu h‑obann o nèamh solas mòr mun cuairt orm.
7Agus thuit mi air an talamh, agus chuala mi guth ag ràdh, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?
8Agus fhreagair mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt e rium, is mise Iosa o Nàsaret, air a bheil thusa a’ dèanamh geur-leanmhainn.
9Agus chunnaic na daoine a bha maille rium an solas gu deimhinn, agus ghabh iad eagal; ach cha chuala iad guth an tì a labhair riumsa.
10Agus thubhairt mise, Ciod a nì mi, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich agus imich gu Damascas, agus an sin labhrar riut mu thimcheall nan nithean sin uile a dh’òrdaicheadh dhut a dhèanamh.
11Agus nuair nach bu lèir dhomh tre ghlòir an t‑solais sin, air dhomh a bhith air mo threòrachadh air làimh leòsan a bha maille rium, thàinig mi gu Damascas.
12Agus air do dhuine àraidh dom b’ainm Ananias, a bha cràbhach a rèir an lagha, agus air an robh deagh theisteas aig na h‑Iùdhaich uile a bha a chòmhnaidh an sin,
13Teachd am ionnsaigh, agus seasamh làimh rium, thubhairt e rium, A Shauil, a bhràthair, faigh do fhradharc. Agus air an uair sin fhèin dh’amhairc mi suas air.
14Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul.
15Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.
16Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.
17Agus thàrladh, nuair a thill mise gu Ierusalem, agus a bha mi a’ dèanamh ùrnaigh anns an teampall, gun deachaidh mi ann an neul,
18Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall-sa.
19Agus thubhairt mise, A Thighearna, tha fhios aca gu robh mise a’ tilgeadh ann am prìosan, agus a’ sgiùrsadh anns gach sionagog, an dream a chreid annadsa:
20Agus nuair a dhòirteadh fuil do mhartaraich, Stèphen, bha mise mar an ceudna am sheasamh an làthair, agus ag aontachadh le a mharbhadh, agus a’ coimhead aodach na muinntir a mharbh e.
21Agus thubhairt e rium, Imich: oir cuiridh mise thu am fad a‑chum nan Cinneach.
22Agus dh’èisd iad ris gus am facal seo, agus thog iad an sin an guth gu h‑àrd, ag ràdh, Beir on talamh a leithid seo de dhuine; oir cha chòir e a bhith beò.
23Agus nuair a bha iadsan ag èigheach agus a’ tilgeadh dhiubh an aodaich, agus a’ tilgeadh luaithre anns an adhar,
24Dh’àithn an t‑àrd-cheannard esan a thoirt don chaisteal ag òrdachadh a cheasnachadh le a sgiùrsadh; a‑chum gum faigheadh e fios ciod i a’ choire mun robh iad a’ glaodhaich mar sin na aghaidh.
25Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard-cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh?
26Agus nuair a chuala an ceannard-ceud seo, dh’imich e agus dh’innis e don àrd-cheannard, ag ràdh, Thoir fa‑near ciod a nì thu: oir is Ròmanach an duine seo.
27An sin thàinig an t‑àrd-cheannard da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Innis dhòmhsa, an Ròmanach thu? Agus thubhairt esan, Is eadh.
28Agus fhreagair an t‑àrd-cheannard, Is mòr an t‑suim air an do cheannaich mise an t‑saorsa seo. Agus thubhairt Pòl, Ach rugadh mise saor.
29An sin dh’imich iadsan uaithe air ball a bha gus a cheasnachadh: agus ghabh an t‑àrd-cheannard mar an ceudna eagal nuair a thuig e gum bu Ròmanach e, agus a chionn gun do cheangail e e.
30Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd-shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.
Currently Selected:
Gnìomharan 22: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017