YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 19

19
1Agus thàrladh, nuair a bha Apollos ann an Corintus, air do Phòl dol tro na crìochan uachdarach, gun tàinig e gu Ephesus. Agus air faotainn dheisciobal àraidh,
2Thubhairt e riu, An d’fhuair sibh an Spiorad Naomh o chreid sibh? Agus thubhairt iadsan ris, Cha chuala sinne uiread is gu bheil Spiorad Naomh ann.
3Agus thubhairt e riu, Ciod mas eadh anns an do bhaisteadh sibh? Agus thubhairt iadsan, Ann am baisteadh Eòin.
4An sin thubhairt Pòl, Bhaist Eòin gu deimhinn le baisteadh an aithreachais, ag ràdh ris an t‑sluagh, iadsan a chreidsinn anns an neach a bha gu teachd na dhèidh-san, sin ri ràdh, ann an Iosa Crìosd.
5Agus nuair a chuala iad seo, bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa.
6Agus air do Phòl a làmhan a chur orra, thàinig an Spiorad Naomh orra; agus labhair iad le teangaidhean, agus rinn iad fàidheadaireachd.
7Agus bha ann uile timcheall dà‑fhear-dheug.
8Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.
9Ach nuair a chruadhaicheadh cuid, agus nach do chreid iad, ach a labhair iad olc mun t‑slighe sin an làthair an t‑sluaigh, dh’fhàg e iad agus sgar e na deisciobail uapa, agus bha e gach là a’ deasbaireachd ann an sgoil neach àraidh dom b’ainm Tirannus.
10Agus rinneadh seo rè dà bhliadhna: air chor is gun cuala luchd-àiteachaidh na h‑Asia uile, eadar Iùdhaich agus Ghreugaich, facal an Tighearna Iosa.
11Agus rinn Dia mìorbhailean nach bu bheag le làmhan Phòil:
12Air chor is gun tugadh o a chorp-san a‑chum nan daoine tinne, nèapaiginean no aprain, agus gun d’fhalbh an easlaintean uapa, agus gun deachaidh na droch spioradan a‑mach asda.
13Agus ghabh dream àraidh de na h‑Iùdhaich, a bha ag imeachd o àite gu àite, a’ cur spioraid fo gheasan, os làimh ainm an Tighearna Iosa ainmeachadh os cionn na muinntir sin anns an robh droch spioradan, ag ràdh, Cuireamaid fo gheasan sibh tre Iosa a tha Pòl a’ searmonachadh.
14Agus bha aig Scebha, Iùdhach àraidh, aon de na h‑àrd-shagartan, seachdnar mhac a bha a’ dèanamh seo.
15Agus fhreagair an droch spiorad, agus thubhairt e, Tha eòlas agam air Iosa, agus is aithne dhomh Pòl: ach cò sibhse?
16Agus leum an duine anns an robh an droch spiorad orra, agus air dha làmh-an‑uachdair fhaotainn orra, thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach as an taigh sin lomnochd agus reubte.
17Agus fhuair na h‑Iùdhaich uile agus mar an ceudna na Greugaich a bha a’ tàmh ann an Ephesus fios air seo; agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Iosa air àrdachadh.
18Agus thàinig mòran dhiubhsan a chreid, ag aideachadh, agus ag innse an gnìomharan.
19Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na lethcheud mìle bonn airgid.
20Mar sin le cumhachd dh’fhàs agus bhuadhaich facal an Tighearna.
21Agus nuair a choileanadh na nithean seo, chuir Pòl roimhe na spiorad, an dèidh dha imeachd tro Mhacedònia, agus Achaia, dol gu Ierusalem, ag ràdh, An dèidh dhomh a bhith an sin, is èiginn dhomh an Ròimh fhaicinn mar an ceudna.
22Agus air dha dithis dhiubhsan a bha a’ frithealadh dha, Timòteus, agus Erastus, a chur do Mhacedònia, dh’fhan e fhèin rè tamaill an Asia.
23Agus dh’èirich mun àm sin iomairt nach bu bheag mu thimcheall na slighe sin.
24Oir bha ceàrd-airgid àraidh dom b’ainm Demetrius ann, a bha a’ dèanamh teampaill airgid do Dhiàna, agus a thug buannachd nach bu bheag don luchd-ceàirde:
25Agus air dha iadsan a chruinneachadh an ceann a chèile, agus a’ mhuinntir eile a bha a dh’aon cheàird riu, thubhairt e, Fheara, tha fhios agaibh gur ann on cheàird seo a tha ar beartas againne:
26Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan:
27Air chor is nach e a‑mhàin gu bheil e an cunnart gun dèanar tàir air ar ceàird; ach mar an ceudna gun cuirear teampall na ban-dè mòire Diàna ann an suarachas, agus gun claoidhear a mòrachd-se, dom bheil an Asia uile agus an domhan a’ dèanamh adhraidh.
28Agus nuair a chuala iadsan seo, lìonadh le feirg iad, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is mòr Diàna nan Ephèsianach.
29Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil.
30Agus nuair a b’àill le Pòl dol a‑steach a‑chum an t‑sluaigh, cha do leig na deisciobail leis.
31Agus mar an ceudna chuir cuid de uachdarain na h‑Asia, a bha nan càirdean dha, fios da ionnsaigh, a’ guidhe air nach rachadh e gu àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh.
32Ghlaodh uime sin cuid dhiubh aon nì, agus cuid nì eile: oir bha an coitheanal troimhe chèile, agus cha robh fhios aig a’ chuid a bu mhò carson a thàinig iad cuideachd.
33Agus tharraing iad a‑mach Alecsander as an t‑sluagh, air a bhith do na h‑Iùdhaich ga iomain romhpa. Agus smèid Alecsander le a làimh, agus b’àill leis a leisgeul a ghabhail ris an t‑sluagh.
34Ach nuair a thuig iad gum b’Iùdhach e, rinneadh àrd-iolach leo uile mu thimcheall ùine dà uair, a’ glaodhaich, Is mòr Diàna nan Ephèsianach.
35Agus nuair a chiùinich an clèireach an sluagh, thubhairt e, Fheara Ephesuis, cò an duine aig nach eil fhios gu bheil baile nan Ephèsianach a’ dèanamh adhraidh don bhan-dia mhòir Diàna, agus don dealbh a thuit a‑nuas o Iupiter?
36Air an adhbhar sin do bhrìgh nach fhaodar cur an aghaidh nan nithean seo, is còir dhuibhse a bhith ciùin, agus gun nì sam bith a dhèanamh gu h‑obann.
37Oir thug sibh an seo na daoine seo, ged nach eil iad a’ creachadh theampall, no a’ toirt toibheim dar ban-dia.
38Uime sin ma tha aig Demetrius agus aig an luchd-ceàird a tha maille ris, cùis an aghaidh neach air bith, tha an lagh rèidh dhaibh, agus tha uachdarain ann; agradh iad a chèile.
39Ach ma tha ceist sam bith agaibh mu nithean eile, rèitichear sin ann an coitheanal dligheach.
40Oir tha sinn ann an cunnart a bhith air ar n‑agairt airson ceannairc air an là‑an‑diugh, do bhrìgh nach eil cùis sam bith againn a dh’fhaodas sinn a thoirt seachad mar adhbhar a’ chruinneachaidh seo.
41Agus air dha seo a ràdh, sgaoil e an coitheanal.

Currently Selected:

Gnìomharan 19: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in