YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 18

18
1An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus;
2Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.
3Agus a chionn gu robh e a dh’aon cheàird riu, dh’fhan e maille riu, agus bha e ag obair (oir bu cheàird dhaibh a bhith a’ dèanamh phàilleanan).
4Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.
5Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.
6Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.
7Agus chaidh e as a sin, agus thàinig e gu taigh duine àraidh dom b’ainm Iustus, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia agus aig an robh a thaigh làimh ris an t‑sionagog.
8Agus chreid Crispus, prìomh-uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.
9An sin thubhairt an Tighearna ri Pòl ann an sealladh anns an oidhche, Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi ad thosd:
10Oir tha mise maille riut, agus cha toir duine sam bith ionnsaigh ort, a‑chum do chron a dhèanamh: oir tha mòr-shluagh agamsa anns a’ bhaile seo.
11Agus dh’fhan e bliadhna agus sia mìosan an sin, a’ teagasg facal Dhè nam measg.
12Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;
13Ag ràdh, Tha an duine seo a’ comhairleachadh dhaoine adhradh a dhèanamh do Dhia an aghaidh an lagha.
14Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh:
15Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean.
16Agus dh’fhuadaich e iad o chathair a’ bhreitheanais.
17An sin rug na Greugaich uile air Sostenes, uachdaran an t‑sionagoig, agus ghabh iad air an làthair cathair a’ bhreitheanais: agus cha do ghabh Galio suim de nì sam bith dhiubh sin.
18Agus dh’fhan Pòl fhathast ùine mhath anns a’ bhaile sin, agus an sin an dèidh a chead a ghabhail de na bràithrean, chaidh e air luing o sin gu Siria, agus maille ris-san Priscila agus Acuila; an dèidh a cheann a bhearradh ann an Cenchrèa, oir bha bòid air.
19Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich.
20Agus nuair a dh’iarr iad air fuireach maille riu na b’fhaide, cha d’aontaich e:
21Ach ghabh e a chead dhiubh, ag ràdh, Is èiginn dhomh, air gach aon chor, an fhèill seo a tha a’ teachd a choimhead ann an Ierusalem: ach tillidh mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, mas toil le Dia. Agus sheòl e o Ephesus.
22Agus thàinig e gu tìr aig Cesarèa, agus air dha dol suas agus fàilte a chur air an eaglais, chaidh e sìos gu Antioch.
23Agus nuair a dh’fhan e rè tamaill an sin, dh’imich e, agus chaidh e ann an òrdagh tro thìr Ghalàtia uile agus Phrigia, a’ neartachadh nan deisciobal uile.
24Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas-bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean.
25Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.
26Agus thòisich e air labhairt gu dàn anns an t‑sionagog. Agus air do Acuila agus do Phriscila a chluinntinn, ghabh iad dan ionnsaigh e, agus mhìnich iad dha slighe Dhè na bu choileanta.
27Agus nuair bu mhiann leis dol gu Achaia, an dèidh a chomhairleachadh, sgrìobh na bràithrean a‑chum nan deisciobal iad a ghabhail ris: neach, air dha teachd, a rinn còmhnadh mòr riùsan a chreid tre ghràs:
28Oir le mòr-dhìcheall rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich gu follaiseach, a’ dearbhadh leis na sgriobtairean gur e Iosa an Crìosd.

Currently Selected:

Gnìomharan 18: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in