1 Eòin 3
3
1Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.
2A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.
3Agus gach neach aig a bheil an dòchas seo ann, glanaidh e e fhèin, mar a tha esan glan.
4Ge bè neach a nì peacadh, tha e mar an ceudna a’ briseadh an lagha: oir is e am peacadh briseadh an lagha.
5Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan.
6Gach neach a dh’fhanas annsan cha dèan e peacadh: ge bè air bith a pheacaicheas, chan fhaca e esan, agus cha robh eòlas aige air.
7A chlann bheag, na mealladh neach air bith sibh: an tì a nì fìreantachd is fìrean e, mar as fìrean esan:
8An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail.
9Ge bè neach a ghineadh o Dhia cha dèan e peacadh: oir tha a shìol-san a’ fantainn ann; agus chan eil e an comas dha peacadh a dhèanamh, do bhrìgh gun do ghineadh o Dhia e.
10An seo tha clann Dhè, agus clann an diabhail follaiseach: ge bè neach nach dèan fìreantachd chan ann o Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair.
11Oir is i seo an teachdaireachd a chuala sibh o thùs, sinn a thoirt gràidh da chèile:
12Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta.
13Na biodh ioghnadh oirbh, mo bhràithrean, ged dh’fhuathaicheas an saoghal sibh.
14Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs.
15Gach neach a dh’fhuathaicheas a bhràthair, is mortair e; agus tha fhios agaibh nach eil aig mortair sam bith a’ bheatha mhaireannach a’ fantainn ann.
16Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean.
17Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan?
18Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an teangaidh; ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.
19Agus le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn den fhìrinn, agus bheir sinn dearbhachd dar cridheachan na làthair.
20Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean.
21A mhuinntir mo ghràidh, mura dìt ar cridhe sinn, tha dànachd againn a‑thaobh Dhè.
22Agus ge bè nì a dh’iarras sinn gheibh sinn uaithe e, do bhrìgh gu bheil sinn a’ coimhead a àitheantan, agus a’ dèanamh nan nithean a tha taitneach na fhianais.
23Agus is i seo a àithne-san, gun creideamaid ann an ainm a Mhic Iosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid a chèile, mar a thug esan àithne dhuinn.
24Agus an tì a choimheadas a àitheantan-san, tha e a’ gabhail còmhnaidh ann, agus esan annsan: agus le seo is aithne dhuinn gu bheil esan a’ gabhail còmhnaidh annainn, on Spiorad a thug e dhuinn.
Currently Selected:
1 Eòin 3: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017