1
1 Eòin 3:18
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an teangaidh; ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.
Compare
Explore 1 Eòin 3:18
2
1 Eòin 3:16
Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean.
Explore 1 Eòin 3:16
3
1 Eòin 3:1
Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.
Explore 1 Eòin 3:1
4
1 Eòin 3:8
An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail.
Explore 1 Eòin 3:8
5
1 Eòin 3:9
Ge bè neach a ghineadh o Dhia cha dèan e peacadh: oir tha a shìol-san a’ fantainn ann; agus chan eil e an comas dha peacadh a dhèanamh, do bhrìgh gun do ghineadh o Dhia e.
Explore 1 Eòin 3:9
6
1 Eòin 3:17
Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan?
Explore 1 Eòin 3:17
7
1 Eòin 3:24
Agus an tì a choimheadas a àitheantan-san, tha e a’ gabhail còmhnaidh ann, agus esan annsan: agus le seo is aithne dhuinn gu bheil esan a’ gabhail còmhnaidh annainn, on Spiorad a thug e dhuinn.
Explore 1 Eòin 3:24
8
1 Eòin 3:10
An seo tha clann Dhè, agus clann an diabhail follaiseach: ge bè neach nach dèan fìreantachd chan ann o Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair.
Explore 1 Eòin 3:10
9
1 Eòin 3:11
Oir is i seo an teachdaireachd a chuala sibh o thùs, sinn a thoirt gràidh da chèile
Explore 1 Eòin 3:11
10
1 Eòin 3:13
Na biodh ioghnadh oirbh, mo bhràithrean, ged dh’fhuathaicheas an saoghal sibh.
Explore 1 Eòin 3:13
Home
Bible
Plans
Videos