YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 111

111
Salm 111
1Molaibh-se Dia, sìor mholam-s' e
lem uile chrìdh' gu h‑àrd;
An coitheanal nam fìrean còir',
sa chuideachd mhòir 's gach àit.
2Tha gnìomharan an Tighearna
iomarcach mòr gu lèir;
Is leis an dream len tlachdmhor iad,
rannsaichear iad gu geur.
3Tha 'obair-san ro‑urramach,
ro‑ghlòrmhor i gun cheist;
Tha fìreantachd Iehòbhah fòs
buan-mhaireannach am feasd.
4A ghnìomharan ro‑iongantach,
air chuimhne chuir gu beachd;
A ta Iehòbhah gràsmhor caoin,
is làn de thruacantachd.
5Thug esan biadh is lòn don dream
don eagal e a‑ghnàth,
'S a choicheangal a rinn e leo
cuimhnichidh e gu bràth.
6Neart 'oibrean iongantach chuir Dia
an cèill da phoball fhèin,
A thabhairt dhaibh mar sheilbh gu buan
oighreachd nan sluagh gu lèir.
7Fìrinn is ceartas gnìomh a làmh;
'uil' àitheantan tha fìor.
8Dèante le ceartas fìrinneach;
tàid seasmhach buan do shìor.
9Shaoradh le Dia a phoball fhèin;
is dh'òrdaich e am feasd
A choicheangal: tha 'ainm-san naomh
is urramach gun cheist.
10'S e tùs a' ghliocais eagal Dhè;
tha deagh thuigs' aig an dream
Len coileanar a reachdan-san:
mairidh a chliù gach àm.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 111: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in