Sailm Dhaibhidh 110
110
Salm 110
1Thubhairt Iehòbhah ri mo Thriath,
Bi 'd shuidhe air mo dheis,
D'uil' eascairdean gun cuir mi dhut
nan stòl fo bhonn do chois'.
2A Sion cuiridh Dia a‑mach
slat-shuaicheantais do neirt.
'S am buillsgean d'eascairdean gu lèir
bi fhèin ad uachdran ceart.
3Bithidh do phoball taghte fhèin
ro‑thoileach mar as còir,
San là sin anns am foillsich thu
do chumhachdan gu mòr:
Am mais' 's an sgèimh na naomhachd ghrinn,
o bholg na maidne moich,
Mar dhealt a thig a‑nuas o nèamh,
tha d'òigridh iomarcach.
4Do mhionnaich Dia Iehòbhah mòr,
's chan aithreach leis gun d'rinn,
Rèir òrdagh math Mhelchisedeic,
gur sagart thu gach linn.
5An Tighearna ta air do dheis,
trom-bhuailear leis gu garg
Mòr-rìghrean làidir cumhachdach,
san là a lasas fhearg.
6Bheir esan breith measg fhineachan,
lìonaidh gach àit gu fìor
Le corpan marbh': is lotar leis
na h‑uachdrain thar gach tìr.
7Is anns an t‑slighe òlaidh e,
deoch as na sruthan luath';
Is air an adhbhar ud fa‑dheòidh
togaidh e cheann le buaidh.
Currently Selected:
Sailm Dhaibhidh 110: SD1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.