1
Mata 18:20
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm-sa, tha mise an sin nam meadhon.
Compare
Explore Mata 18:20
2
Mata 18:19
A‑rìs tha mi ag ràdh ribh, Ma chòrdas dithis agaibh air thalamh mu thimcheall aon nì a dh’iarras iad, nìthear seo dhaibh lem Athair-sa a tha air nèamh.
Explore Mata 18:19
3
Mata 18:2-3
Agus air do Iosa leanabh beag a ghairm da ionnsaigh, chuir e nam meadhon e. Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mura iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanabain, nach tèid sibh a‑steach do rìoghachd nèimh.
Explore Mata 18:2-3
4
Mata 18:4
Air an adhbhar sin, ge bè a dh’ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e sin fhèin as mò ann an rìoghachd nèimh.
Explore Mata 18:4
5
Mata 18:5
Agus ge bè a ghabhas aon leanaban de a leithid seo ann am ainm-sa, gabhaidh e mise.
Explore Mata 18:5
6
Mata 18:18
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè air bith nithean a cheanglas sibhse air thalamh, bidh iad ceangailte air nèamh: agus ge bè air bith nithean a dh’fhuasglas sibhse air thalamh, bidh iad fuasgailte air nèamh.
Explore Mata 18:18
7
Mata 18:35
Agus mar sin nì m’Athair nèamhaidh ribhse, mura maith gach aon agaibh o ur cridheachan da bhràthair an cionta.
Explore Mata 18:35
8
Mata 18:6
Ach ge bè neach a bheir oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ra mhuineal, agus gum biodh e air a bhàthadh ann an doimhne na fairge.
Explore Mata 18:6
9
Mata 18:12
Ciod as barail dhuibhse? Ma bhios aig duine ceud caora, agus gun tèid aon dhiubh air seachran, nach fàg e na naoi-caoraich-dheug agus ceithir-fichead air na beanntan, agus nach tèid e a dh’iarraidh na caorach a chaidh air seachran?
Explore Mata 18:12
Home
Bible
Plans
Videos