1
Mata 19:26
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.
Compare
Explore Mata 19:26
2
Mata 19:6
Air an adhbhar sin, cha dithis iad nas mò, ach aon fheòil. Uime sin, an nì a cheangail Dia, na sgaoileadh duine.
Explore Mata 19:6
3
Mata 19:4-5
Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean? Agus thubhairt e, Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad araon nan aon fheòil.
Explore Mata 19:4-5
4
Mata 19:14
Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.
Explore Mata 19:14
5
Mata 19:30
Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh, a bhios air thoiseach.
Explore Mata 19:30
6
Mata 19:29
Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.
Explore Mata 19:29
7
Mata 19:21
Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.
Explore Mata 19:21
8
Mata 19:17
Agus thubhairt esan ris, Carson a ghoireadh tu math dhìomsa? Chan eil aon neach math ach a h‑aon, eadhon Dia: ach mas àill leat dol a‑steach a‑chum na beatha, coimhead na h‑àitheantan.
Explore Mata 19:17
9
Mata 19:24
Agus a‑rìs tha mi ag ràdh ribh gur fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
Explore Mata 19:24
10
Mata 19:9
Agus tha mise ag ràdh ribh, ge bè a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais: agus ge bè neach a phòsas ise a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
Explore Mata 19:9
11
Mata 19:23
An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gu bheil e cruaidh air duine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd nèimh.
Explore Mata 19:23
Home
Bible
Plans
Videos