1
Mata 17:20
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.
Compare
Explore Mata 17:20
2
Mata 17:5
Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.
Explore Mata 17:5
3
Mata 17:17-18
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo-chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh? Thugaibh am ionnsaigh-sa an seo e. Agus chronaich Iosa an deamhan, agus dh’imich e as: agus shlànaicheadh an leanabh on uair sin a‑mach.
Explore Mata 17:17-18
Home
Bible
Plans
Videos