Laoidhean 1
1
LAOIDH 1
Genesis 1
1O neo‑ni éireadh talamh 's nèamh,
so labhair guth an Triath:
O neo‑ni dh'éirich talamh 's nèamh,
gu h‑ùmhal mar a dh'iarr.
2Shuidh air an aigein duibhre tiugh,
thuirt Dia, Biodh solus ann;
Ghrad‑las an solus dealrach glan,
's an duibhre theich gu teann.
3Do neulaibh dh'Ă ithn e togail suas,
suas thog na neoil d'a réir;
Le'n ionmhas uisg 'sgaoil iad 's gach Ă it,
a' snĂ mh air feadh nan speur.
4Dh'Ă ithn e do'n uisg' a luidh air fonn
grad‑thional gu h‑aon à it;
Dhian‑ruith an fhairge, tonn air thonn
is feuch an talamh trĂ ight'!
5Le luibhibh gorm is craobhaibh meas,
chòmhdaich e 'n talamh lom;
Mu'n d'thĂ inig fras no drĂąchd o'n speur,
's mu'n d' Ă©irich grian air fonn.
6Sgeadaich e in sin na nèamhan à rd';
gu dealrach las a' ghrian:
A' ghealach is na reulta dhĂąisg,
a chuntas mhìos is bhliadhn'.
7Do'n uisge dhealbh Iehobhah treun
gach gineal Ă©isg sa' chuan;
Is ghairm o'n doimhne mar an ceudn'
gach eun san ealtainn shuas.
8Gach dùile beò air thalamh ta
dhealbh thu le d' lĂ imh, fa leth;
Do'n leòmhan bhorb 's do'n chnuimheig fhaoin
thug thu maraon am bìth.
9An duine chruthaich thu fadheòidh,
a'd' choslas glòrmhor féin,
Gu bhi 'na uachdran dligheach fìor
os ceann gach ni fo'n ghréin.
10T'uil' oibre 'n sin a'd' là th'r, a Dhé,
gu ciatach Ă luinn sheas;
Sheall thu, is thuirt gu robh gach ni
gu fior‑mhaith agus deas.
11Cia glòrmhor t'oibre‑sa gu léir!
da treun thu féin an neart;
Cò 'n ti nach tugadh dhuit‑sa cliù!
molams' thu, Dhia nam feart!
Okuqokiwe okwamanje:
Laoidhean 1: LSN1987
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha
Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017