Marcus 8
8
Aʼ Biadhadh nan Ceithir Mìle
1San àm sin thàinig sluagh mòr còmhla, 's cha robh nì aca a dh'itheadh iad. Ghairm Iosa a dheisciobail thuige 's thuirt e riu, 2“Tha truas mòr agam ris an t‑sluagh, oir tha iad air a bhith còmhla rium trì là a‑nis, 's chan eil dad aca a dh'itheas iad. 3Ma leigeas mi leo falbh dhachaigh gun bhiadh, fannaichidh iad air an t‑slighe, oir thàinig cuid dhiubh astar mòr.”
4Thuirt a dheisciobail ris, “Ciamar as urrainn do dhuine sam bith aran fhaighinn ann an seo san fhàsach, gus an sluagh seo a bhiadhadh?”
5Dh'fhaighnich e dhiubh, “Co mheud bonnach a th'agaibh?”
Thuirt iadsan, “Tha a seachd.”
6Dh'iarr e air an t‑sluagh suidhe air an talamh. Ghabh e na seachd bonnaich, 's nuair a thug e taing do Dhia air an son, bhrist e iad. Thug e an‑uairsin dha dheisciobail iad gus an roinn air an t‑sluagh, agus riaraich iadsan na daoine leo. 7Bha corra iasg beag aca cuideachd. Bheannaich e iad, 's dh'iarr e air a dheisciobail iad sin a roinn air an t‑sluagh. 8Ghabh iad am biadh 's bha iad air an sàsachadh, 's thog iad de chriomagan a bha chòrr na lìon seachd basgaidean. 9Bha mu cheithir mìle duine ann uile-gu‑lèir. Leig e leo falbh dhachaigh an‑uairsin. 10Ghabh e‑fhèin 's a dheisciobail bàta, 's dh'fhalbh iad gu dùthaich Dhalmanùta.
Na Pharasaich ag Iarraidh Comharra
11Thàinig na Pharasaich a‑mach, 's thòisich iad air conn-sachadh ris; bha iad ag iarraidh comharra o nèamh bhuaithe, 's iad a' feuchainn ri dhearbhadh. 12Rinn e osna throm na spiorad, 's thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharra? Tha mi ag ràdh ruibh gu cinnteach nach fhaigh an ginealach seo comharra.”
13Dh'fhàg e ann an siod iad, 's ghabh e am bàta a‑rithist gu taobh thall an loch.
Rabhadh dha na Deisciobail
14Dhìochuimhnich na deisciobail aran a thoirt leo, 's cha robh aca ach aon bhonnach sa bhàta. 15Thug e rabhadh dhaibh, “Thoiribh an aire, bithibh air ur faiceall roimh bheirm nam Pharasach agus roimh bheirm Heroid.”
16Bha iad a' beachdachadh air a seo nam measg fhèin, 's thuirt iad, “'Sann a chionns nach eil aran againn.”
17Nuair a thuig e dè bha iad ag ràdh, thuirt e riu, “Carson a tha sibh a' smaoineachadh gur ann a chionns nach eil aran agaibh a tha mi ag ràdh seo? Nach eil sibh fhathast a' faicinn no a' tuigsinn? An e gu bheil ur cridheachan fhathast air an cruadhachadh? 18#Ier 5.21; Esec 12.2Tha sùilean agaibh; nach eil sibh a' faicinn? Tha cluasan agaibh; nach eil sibh a' cluinntinn? 'S nach eil cuimhne agaibh? 19Nuair a bhrist mi na còig bonnaich dhan chòig mìle, co mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?”
Thuirt iadsan, “A dhà dheug.”
20“'S nuair a bhrist mi na seachd bonnaich dhan cheithir mìle, co mheud làn basgaid de chriomagan a thog sibh?”
Thuirt iadsan, “A seachd.”
21'S thuirt esan riu, “Nach eil sibh fhathast a' tuigsinn?”
Dall air a Leigheas
22Thàinig iad gu Betsaida. Thàinig feadhainn thuige le duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris. 23Rug e air làimh air an duine dhall, 's threòraich e a‑mach ás a' bhaile e. Chuir e smugaid air a shùilean, bhean e ris le a làmhan, 's dh'fhaighnich e dheth, “A bheil thu a' faicinn dad?”
24Thog e a cheann is thuirt e, “Tha mi a' faicinn nan daoine mar chraobhan, ach gu bheil iad a' coiseachd.”
25Chuir Iosa a làmhan air a shùilean a rithist. Thug an duine sùil gheur man cuairt 's chaidh a shlànachadh, oir bha e a' faicinn a h‑uile nì gu soilleir. 26Chuir Iosa an‑uairsin air falbh dhachaigh e, 's thuirt e ris, “Feuch nach tèid thu faisg air a' bhaile.”
“'S Tusa an Crìosd”
27Thog Iosa air ás a sin còmhla ri a dheisciobail gu bailtean Chesarèa Philipi. Air an t‑slighe, dh'fhaighnich e dhe na deisciobail, “Cò tha daoine ag ràdh a th'annam-sa?”
28Thuirt iadsan ris, “Tha cuid ag ràdh Eòin Baist, tha cuid ag ràdh Eliah, 's cuid eile fear dhe na fàidhean.”
29Dh'fhaighnich e dhiubh, “Ach cò tha sibhse ag ràdh a th'annam-sa?”
Thuirt Peadar ris, “'S tusa an Crìosd.” 30Thug e òrdugh dhiubh gun seo innse do dhuine sam bith.
Iosa a' Bruidhinn mu Bhàs is mu Aiseirigh
31Thòisich e air teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang, agus a bhith air a chur a thaobh le athraichean an t‑sionagoig agus na h‑àrd-shagairt agus na sgrìobhaichean. Dh'fheumadh e a bhith air a mharbhadh agus èirigh a‑rithist an ceann trì là. 32Thuirt e seo gun nì sam bith a chleith. Thug Peadar an dara taobh e, 's thòisich e air a chronachadh. 33Thionndaidh esan, 's nuair a chunnaic e a dheisciobail, chronaich e Peadar 's thuirt e ris, “Gabh air mo chùlaibh, a Shàtain, oir 'sann an gnothaichean dhaoine a tha suim agad, 's chan ann an gnothaichean Dhè.”
34Ghairm e thuige an sluagh agus a dheisciobail, 's thuirt e riu, “Ma tha duine sam bith airson a dhol còmhla riumsa, feumaidh e e‑fhèin àicheadh, a chrann-ceusaidh a thogail, agus mise a leantainn. 35Oir duine sam bith a tha airson a bheatha fhèin a ghleidheadh, caillidh e i; ach duine sam bith a chailleas a bheatha air mo sgàth-sa agus air sgàth an Deagh Sgèil, gleidhidh esan i. 36Oir dè a' bhuannachd a th'ann do dhuine, ged a choisneadh e an saoghal gu lèir, ma chailleas e anam? 37Dè a bheir duine seachad mar phrìs air son anam? 38Ma bhios nàire air neach sam bith romhamsa agus roimh m'fhacal-sa anns an linn olc, adhaltranach seo, bidh nàire air Mac an Duine roimhesan, nuair a thig e ann an glòir Athar 's na h‑ainglean naomha còmhla ris.”
Okuqokiwe okwamanje:
Marcus 8: GLD
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha
Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017