Marcus 10
10
Deasbad mu Phòsadh
1Nuair a dh'fhalbh e ás a sin, thàinig e gu Iudèa air taobh thall Iòrdain. Chruinnich mòran dhaoine thuige 's thòisich e air an teagasg, mar a chleachd e.
2Thàinig Pharasaich far an robh e a chur ceist air, 's iad airson fheuchainn. “A bheil e laghail,” ars iadsan, “do dh'fhear-pòsda a bhean a chur bhuaithe?”
3Fhreagair e iad, “Dè an t‑òrdugh a thug Maois dhuibh?” 4#Deut 24.1-4Thuirt iadsan, “Thug Maois cead litir-dhealachaidh a sgrìobhadh dhi agus a cur bhuaithe.”
5Thuirt Iosa riu, “'Sann a chionns gu bheil ur cridhe cho cruaidh a sgrìobh e an lagh seo air ur son. 6#Gen 1.27, 5.2Ach bho thoiseach a' chruthachaidh rinn Dia fireann agus boireann iad. 7#Gen 2.24Mar sin fàgaidh duine athair agus a mhàthair, agus bidh e air aonadh ri bhean. 8Fàsaidh an dithis mar aon fheòil, air dhòigh 's nach e dithis, ach aon, a bhios annta tuilleadh. 9Mar sin, an nì a cheangail Dia, na dèanadh duine sam bith a sgaradh.”
10Nuair a bha iad a‑staigh, thòisich na deisciobail air faighneachd dheth a‑rithist man chùis seo. 11Thuirt e riu, “Ma chuireas fear-pòsda sam bith a bhean bhuaithe agus ma phòsas e bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranais an aghaidh na ceud tè. 12'S ma chuireas bean bhuaipe a fear's ma phòsas i fear eile, tha ise a' dèanamh adhaltranais.”
Iosa 's a' Chlann
13Bha feadhainn a' toirt clann bheag thuige gus an cuireadh e a làmhan orra, ach chronaich na deisciobail iad. 14Nuair a chunnaic Iosa seo, dh'fhàs e feargach 's thuirt e, “Leigibh leis a' chloinn tighinn thugam 's na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhan leithid-san a bhuineas rìoghachd Dhè. 15Gu cinnteach tha mise ag ràdh ruibh, mura gabh duine ri rìoghachd Dhè ann an spiorad an leinibh bhig, cha tèid e a‑steach innte gu bràth.” 16Ghabh e a' chlann na ghàirdeanan, chuir e a làmhan orra, agus bheannaich e iad.
An Duine Beairteach
17Nuair a thog e a‑mach air an t‑slighe, thàinig fear na ruith thuige. Chaidh e air a ghlùinean air a bheulaibh. “A Mhaighistir mhaith,” ars esan, “dè nì mi airson gum faigh mi a' bheatha mhaireannach?”
18Thuirt Iosa ris, “Carson a tha thu ag ràdh gu bheil mise math? 'Se Dia a‑mhàin a tha math. 19#Ecs 20.12-16; Deut 5.16-20'S aithne dhut na h‑àithntean — na dèan mort; na dèan adhaltranas; na goid; na toir fianais bhreugach; na dèan mealladh; thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair.”
20Fhreagair esan, “A Mhaighistir, chùm mi a h‑uile gin dhiubh sin o m'òige.”
21Sheall Iosa air le gràdh, 's thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Falbh agus reic a h‑uile nì a th'agad, 's thoir an t‑airgead dha na daoine bochda. Mar sin bidh beairteas agad air nèamh. An‑uairsin thig agus lean mise.” 22Dh'fhàs an duine dubhach nuair a chuala e seo, agus dh'fhalbh e gu brònach, oir bha e air leth beairteach.
23Thug Iosa sùil man cuairt 's thuirt e ri dheisciobail, “Nach e bhios duilich dhan fheadhainn aig a bheil mòran saoibhreis a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè.”
24Nuair a chuala na deisciobail seo, chuir e uamhas orra. Ach thuirt Iosa riu, “A chlann, nach e tha duilich a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè! 25Tha e nas fhasa do chàmhal a dhol troimh chrò snàthaid na tha e do dhuine beairteach a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè.”
26Chuir sin ioghnadh anabarrach orra 's thuirt iad nam measg fhèin, “Cò, ma tha, as urrainn a bhith air a theàrnadh?”
27Sheall Iosa orra 's thuirt e, “Chan eil seo an comas dhaoine, ach tha e an comas Dhè, oir tha a h‑uile rud comasach dhàsan.”
28Thòisich Peadar ag ràdh ris, “Seall, dh'fhàg sinne a h‑uile rud, 's tha sinn air thusa a leantainn.”
29Fhreagair Iosa, “Gu fìrinneach tha mise ag innse dhuibh nach eil duine sam bith a dh'fhàg taigh no bràithrean no peathraichean no màthair no clann no fearann air mo shon-sa 's airson an Deagh Sgèil 30nach fhaigh a cheud urad sa bheatha seo fhèin — taighean, bràithrean, peathraichean, màthraichean, clann agus achaidhean, agus sàrachadh cruaidh cuideachd, 's anns an ath shaoghal a' bheatha shìorraidh. 31Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh, 's mòran air dheireadh a bhios air thoiseach.”
Iosa Uair Eile a' Bruidhinn ma Bhàs
32Bha Iosa agus a dheisciobail a' gabhail an rathaid suas gu Ierusalem, 's Iosa a' dol rompa. Bha ioghnadh air na deisciobail, 's bha eagal air an fheadhainn a bha ga leantainn. An sin thug e an dà fhear dheug air leth a‑rithist, agus thòisich e air innse dhaibh dè bha gu tachairt dha. 33Thuirt e, “Eisdibh seo. Tha sinne a' dol suas gu Ierusalem, 's thèid Mac an Duine a thoirt dha na h‑àrd-shagairt 's dha na sgrìobhaichean. Dìtidh iad gu bàs e, 's bheir iad thairis e dha na coigrich. 34Nì iadsan magadh air, a' tilgeil smugaid air, 's ga sgiùrsadh. Marbhaidh iad e, ach èiridh e a‑rithist an ceann trì là.”
An Rud a dh'Iarr Seumas agus Eòin
35Thàinig Seumas agus Eòin, mic Shebede, thuige. “A Mhaighistir,” thuirt iad ris, “bu toigh leinne gun dèanadh tu dhuinn an rud a tha sinn a' dol a dh'iarraidh ort.”
36“Dè,” ars esan, “a bu toigh leibh mise a dhèanamh air ur son?”
37Thuirt iad ris, “Thoir cead dhan dara fear againn suidhe air do làimh dheis, 's am fear eile air do làimh chlì, nuair a bhios tu air do ghlòrachadh.”
38Fhreagair Iosa, “Chan eil sibh a' tuigsinn dè tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh an cupa òl a tha mise dol a dh'òl, 's a bhith air ur baisteadh leis an aon bhaisteadh riumsa?”
39“'S urrainn,” ars iadsan.
Thuirt Iosa riu, “Gu dearbh òlaidh sibh an cupa a dh'òlas mise, agus bidh sibh air ur baisteadh leis an aon bhaisteadh riumsa. 40Ach chan e mo ghnothach-sa cead a thoirt suidhe air mo làimh dheis no air mo làimh chlì. Buinidh na h‑àiteachan sin dhan fheadhainn dhan d'ullaich Dia iad.”
41Nuair a chuala an deichnear eile seo, bha iad diumbach de Sheumas agus Eòin. 42Ghairm Iosa na deisciobail thuige, 's thuirt e riu, “An fheadhainn a tha air am meas nan ceannardan a‑measg nan cinneach, tha fhios agaibh gu bheil smachd aca thairis orra, 's gu bheil ùghdarras aig na daoine mòra aca thairis orra. 43Chan ann mar sin a tha e nur measg-sa, ach an duine a tha ag iarraidh a bhith mòr, feumaidh e a bhith na sheirbhiseach aig càch. 44'S ma tha fear sam bith nur measg a tha ag iarraidh a bhith air thoiseach air càch, feumaidh e a bhith na sheirbhiseach aig a h‑uile duine. 45Oir chan ann airson gum biodh seirbhisich aige a thàinig Mac an Duine fhèin, ach airson gum biodh e‑fhèin na sheirbhiseach, 's gun toireadh e seachad a bheatha gus saorsa a cheannach do mhòran.”
Bartimèus an Dall air a Leigheas
46Thàinig iad gu Iericho. Nuair a bha Iosa 's a dheisdobail 's mòran dhaoine eile a' fàgail a' bhaile, bha dìol-dèirce dall, Bartimèus, 'se sin mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh an rathaid. 47Chuala esan gur e Iosa an Nàsarach a bha a' dol seachad, 's thòisich e air eubhach, “A Mhic Dhàibhidh! Iosa! Dèan tròcair orm!”
48Bha mòran dhaoine ga chronachadh 's ag iarraidh air a bhith sàmhach, ach 'sann a dh'eubh e na b'àirde builea'ch, “A Mhic Dhàibhidh, dèan tròcair orm!”
49Stad Iosa agus thuirt e, “Iarraibh air tighinn thugam.”
Thuirt iad ris an dall, “Gabh misneach; èirich; tha e gad iarradh.”
50Thilg e dheth a chòta, leum e air a chasan, agus thàinig e gu Iosa.
51Dh'fhaighnich Iosa dheth, “Dè tha thu ag iarraidh orm a dhèanamh dhut?”
Thuirt an duine dall ris, “A Mhaighistir, 'se gum faighinn mo fhradharc.”
52Thuirt Iosa ris, “Faodaidh tu falbh: rinn do chreideamh slàn thu.”
Anns an dearbh mhionaid fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa air an rathad.
Okuqokiwe okwamanje:
Marcus 10: GLD
Qhakambisa
Dlulisela
Kopisha
Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017