Sailm 7

7
1O Dhia, mo Thighearn, earbam riut:
orm furtaich agus fòir,
Is saor mi fòs o shàrachadh
mo nàmh tha orm an tòir.
2Air eagal, mar nì leòmhann treun,
gun reubar m’anam leis:
A’ dèanamh liodairt air gu mìn,
gun neach gam fhuasgladh as.
3Iehòbhah Dhè, ma rinn mi seo,
ma tha lochd air mo làimh:
4Ma dh’ìoc mi olc don fhear a bha
an sìochaint dhomh, ’s an dàimh;
(Ni h-amhlaidh sin, ach rinn mi ’n tì
a theasairginn gu blàth,
A bha gun adhbhar is gun chùis
na nàmhaid dhomh gach là.)
5Leanadh an nàmhaid m’anam fhèin,
glacadh e e, ’s gu làr
Saltradh mo bheatha, leagadh fòs
m’urram san dus le tàir.
6Eirich, ad fheirg, tog suas thu fhèin
fa chorraich m’eascair thrèin,
Is chum na breith a dh’òrdaich thu
mosgail fam chùis, a Dhè.
7Mar sin nì coitheanal an t-sluaigh
do chuartachadh gun tàmh;
Is uime sin fan cùis, a Dhè,
till fhèin gu ionad àrd.
8Breith air an t-sluagh gu lèir bheir Dia:
rèir m’ionracais dèan breith,
A rèir mo neoichiont fhèin, a Dhè,
gu teann cuir as mo leth.
9O, thigeadh crìoch air olc nan daoi,
ach daingnich daoine còir’:
’S fear-sgrùdaidh cridh’ is rannsaich àirn’
Dia cothromach na glòir’.
10’S e Dia mo sgiath, ’s e dh’fhurtaicheas
air luchd a’ chridhe cheirt.
11Britheamh luchd-còrach Dia, gach là
am feirg ri luchd-droch-bheairt.
12Mas e ’s nach till an daoi air ais,
a chlaidheamh lìomhaidh Dia:
Air lagh a bhogha chuir gu teann,
gu caitheamh ullamh dian.
13Fìor-acfhainn agus innil bàis
sin dheasaich e dha fhèin;
’S a shaighdean guineach leig e mach
an aghaidh luchd dhroch bheus.
14Mar mhnaoi ri saothair is amhlaidh sin,
an daoi ri olc a tha;
Feuch, aimhleas ghabh mar thorachas,
breug rugadh leis gun stàth.
15Chladhaich e sloc, is threachail e,
is thuit sa chlais a rinn:
16Thig ’aimhleas air a chlaigeann fhèin,
is fhòirneart air a cheann.
17A rèir a cheartais molaidh mi
an Tighearn air gach àm:
Do ainm Iehòbhah seinnidh mi,
oir ’s e as àirde th’ann.

Okuqokiwe okwamanje:

Sailm 7: SD1826

Qhakambisa

Dlulisela

Kopisha

None

Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume