Sailm 11

11
1Mo dhòchas chuir mi ann an Dia;
ciod uime ’n abradh sibh
Rim anam, chum mo chur air gheilt,
Teich as mar eun gud shliabh?
2Feuch chuir na h-aingidh bogh’ air lagh,
air sreing an saighead ghleus,
Thilgeadh san dorch’ an tì tha ceart
na chridhe fòs ’s na bheus.
3Ma thèid na bunaitean air dhìth,
ciod nì an duine còir?
4Tha Dia na theampall naomh, air nèamh,
tha chathair làn de ghlòir:
Is lèir da shùilibh-san gach dùil
san domhan mhòr a tha:
Le ’rosgaibh clann nan daoin’ air fad
rannsaichidh e a-ghnàth.
5Rannsaichidh Dia na fìreanaich;
ach luchd na h-aingidheachd
Is fuath le anam, is gach neach
thug spèis do ragaireachd.
6Air daoinibh droch-mhuint’ dòirtidh Dia
nuas ribeachan gun dìth;
Is teine, pronnasg, ’s doineann gharbh,
cuibhreann an cup’ do nì.
7Oir Dia tha cothromach is ceart,
is ionmhainn leis a’ chòir:
Ag amharc air na fìreanaibh
le deagh ghnùis làn de ghlòir.

Okuqokiwe okwamanje:

Sailm 11: SD1826

Qhakambisa

Dlulisela

Kopisha

None

Ufuna ukuthi okuvelele kwakho kugcinwe kuwo wonke amadivayisi akho? Bhalisa noma ngena ngemvume