Laoidhean 8
8
LAOIDH 8
Iob 14.1-15
1O dhuine th'air do bhreth le mnaoi,
cia tearc is truagh do làith'!
O'n duslach thàinig thu, is théid
gu d' dhuslach féin gun dàil.
2Mar mhaoth‑lus fasaidh tu fo bhlàth
is gheibh thu bàs gu beachd:
Mar fhaileas teichidh tu gu luath,
's cha bhuan air thalamh neach.
3Làn ciont' is truaigh, an seas aon dùil,
fa chomhair sùilean Dé?
Cò chaoidh bheir uisge soilleir glan
á 'tobar salach créidh?
4Ar làithean air an àireamh ta,
's gun tàmh a' gabhail seach;
Is goirid gus an tig an uair
a ni do'n uaigh ar teach.
5Dhé mhòir! na smachdaich ann ad fheirg
an tomhas goirid faoin,
Do làithibh diombuan an‑shocrach
thug thu do chloinn nan daoin'.
6Ged chrionas lus, cha'n fhaigh e bàs,
thig 'fhàs ri h‑ùine nìos;
'S ged sheargas craobh sa' gheamhradh fhuar
ni 'n t‑earrach nuadh i ris
7Ach aon uair 's gu'm faigh duine bàs,
cha phill a làith' ni 's mò;
A bheatha cha dean earrach nuadh,
's air 'uaigh cha bhris an lò.
8Amhluidh mar shruth a ruitheas bras,
's nach pill air ais r'a shliabh;
Tha làith' is bliadhnaidh 's linn dol seach,
's cha phill ri neach an triall.
9San uaigh 'n tràth luidheas duine sìos,
coidlidh e 'n dìon a' bhàìs;
'S cha dùisg e tuilleadh gus an téid
an cruinne‑cé 'na smàl.
10O biodh an uaigh 'na leabadh thaimh
dhomh féin, gu là mo Thriath,
San éirich mi gu h‑aobhach suas
le naomh‑shluagh maiseach Dhia!
11San dòchas ait, le foighid mhòir,
feithidh mi ordugh Néimh,
A thig san àm a shonruich Dia
an triall mi thuige féin.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017