YouVersion 標識
搜索圖示

Laoidhean 6

6
LAOIDH 6
Iob 8.11-22
1Gun làthach am fàs luachair ghlas?
no seilisteir gun sruth?
Ged fhàs, is diombuan gearr an cuairt,
seargaidh, gun bhuain, an cruth.
2Is ionnan dòchas baoth an daoi,
nach feud a chaoidh bhi buan;
Mar lìon an damhain‑allaidh fhaoin,
théid leis gach gaoth mu'n cuairt.
3Trath leigeas e a thaic r'a thigh,
aomaidh gach clach is crann;
'S luath ghreimicheas e ris, ach 's luaith'
théid 'fhardoch bun os ceann.
4Ged fhàs 'na ghàradh ris a' ghréin
a gheuga dosrach ùr;
'S ged sgaoil e 'fhreumhan domhain teann
do‑spìonta ta car ùin':
5Gidheadh air teachd d'a bhinn o nèamh,
spionar a fhreumh á bun;
'Aite cha'n aithnich e ni's mò;
caochlaidh a ghlòir gu tur.
6Feuch, 's amhluidh gàirdeachas nan daoi,
ni tàir air naomh‑reachd Dhé;
Grad‑thuitidh iad: 's co grad a thig
'nan àite daoine sèimh.
7Ach Dia nan gràs, le cumhachd mòr,
ni daoine còir a dhìon;
An cridhe lìonaidh e le gean,
's am beul le moladh sìor.

目前選定:

Laoidhean 6: LSN1987

醒目顯示

分享

複製

None

想要在所有設備上保存你的醒目顯示嗎? 註冊或登入